Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Map de Hiort 1698
EXTERNAL ID
QZP40_227_P001
ÀITE
Hiort
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na Hearadh
DEIT
1698
LINN
1690an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31043
KEYWORDS
eòin
eileanan
sùlairean
Cogadh Mòr
ManD
arm
eòin mhara
beatha eilein
zoomable
deilbh leudachail

'S e Hiort (am prìomh eilean), Dùn, Sòdhaigh is Boraraigh na ceithir eileanan ann an Hiort. Tha iad mu 41 mìle an iar air Beinn a' Bhaoghla anns na h-Eileanan Siar. Tha daoine air a bhith a' fuireach annta fad 2,000 bliadhna, a' mhòr-chuid ann am Bàgh a' Bhaile is ann an Gleann Mòr. Tha mòran teisteanais àirseachail ann an Hiort gu robh Lochlannaich ann is cuideachd daoine o thràth ann an Linn an Umha.

Bha muinntir Hiort fèin-fhoghainteach, a' pàigheadh màl, dhen toradh aca, uair sa bhliadhna dhan bhàillidh, is bhiodh esan a' toirt ministear thuca a chum bainnsean is baistidhean a dhèanamh.

Anns an 19mh linn, bha barrachd dhaoine a' tadhal air na h-eileanan is thòisich na h-eileanaich a bhith an eisimeil air biadh air a thoirt a-steach, is cha robh iad cho fèin-fhoghainteach. Anns a' Chogadh Mhòr, bha cuideachd-airm nèibhi air a chumail air Hiort agus mar sin bha post is biadh air a thoirt dhan eilean gu cunbhalach. Nuair a chrìochnaich an cogadh, chrìochnaich an t-seirbhis seo is bha na h-eileanaich a' faireachdainn na b' aonaranaiche. Ann an 1930, dh'iarr iad an togail air falbh gu tìr-mòr.

Cheannaich 5mh Marcais Bhòid na h-eileanan, is dh'fhàg esan iad aig Urras Nàiseanta na h-Alba nuair a bhàsaich e ann an 1956. 'S ann an urra ri Urras Nàdarra na h-Alba a tha iad an-diugh. Tha Hiort na dhachaigh don àireamh shùlairean as motha san t-saoghal, an àireamh fhulmairean as motha ann am Breatainn is dàrna leth nam buthaidean ann am Breatainn. Cuideachd, tha stèisean reuair Ministreachd an Dìon air an eilean gus sùil a chumail air raon urchair Beinn a' Bhaoghla. Chan eil duine a' fuireach air na h-eileanan an-diugh ach luchd-armailteach, neach-glèidhidh, luchd-saidheans is luchd-tadhail.

Chaidh am map seo a thoirt o 'A Late Voyage to St Kilda, the Remotest of all the Hebrides, or Western Isles of Scotland' le Màrtainn Màrtainn, a bha am measg a' chiad luchd-turais a dh'fhoillsich iomradh air a chuairt an Alba

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Map de Hiort 1698

INBHIR NIS: Na Hearadh

1690an

eòin; eileanan; sùlairean; Cogadh Mòr; ManD; arm; eòin mhara; beatha eilein; zoomable; deilbh leudachail

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (maps)