Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh ann an Gleann Comhainn
EXTERNAL ID
QZP40_250_32
ÀITE
Gleann Comhann
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
DEIT
1801
LINN
1800an
CRUTHADAIR
Mr Nattes / Merigot
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31050
KEYWORDS
Gleann Comhainn
glinn
Caimbeulaich
Dòmhnallaich
murt
cnuic
streap
Urras Nàiseanta na h-Alba
View in Glen Coe

Tha 10 mìle ann an Gleann Comhainn, bho Loch Leamhainn gu ruige Mòinteach Raineach. Is e làrach glè chudromach a tha ann a thaobh geòlais agus luibh-eòlais, agus cheannaich Urras Nàiseanta na h-Alba 12,800 acair sna 1930an. Air taobh tuath a' ghlinne tha druim Aonach Eagach, streap cho doirbh 's a tha air mor-thìr na h-Alba. Tha Bidean nam Bian air taobh ìseal a' chinn a deas, còmhla ri Buachaill Eite Beag a tha a' dol air ais gu ruige Gleann Eite, agus Buachaill Eite Mòr air taobh àrd a' chinn a deas. Tha an sgìre glè tharraingeach do luchd-coiseachd agus do luchd-streap.

Tha an gleann ainmeil cuideachd air sgàth Murt Ghlinne Comhainn. Ann an 1692 chuir an Riaghaltas saighdearan dearga fo cheannard Caimbeulach dhan ghleann a mharbhadh Clann Mhic Iain Ghlinne Comhainn. Bha iad airson eisimpleir a dhèanamh de Chlann Mhic Iain a chionn 's nach tug iad bòid dìlseachd do dh' Uilleam III. Fhuair na saighdearan dearga dìon bhon chathadh agus thug iad ionnsaigh air Cloinn Mhic Iain fhad 's a bha iad nan cadal. Chaidh 38 dhaoine a mharbhadh.

Thainig an dealbh seo bho 'Remarks on Local Scenery and Manners in Scotland' leab. 2 le Iain Stoddart

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh ann an Gleann Comhainn

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

1800an

Gleann Comhainn; glinn; Caimbeulaich; Dòmhnallaich; murt; cnuic; streap; Urras Nàiseanta na h-Alba

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Tha 10 mìle ann an Gleann Comhainn, bho Loch Leamhainn gu ruige Mòinteach Raineach. Is e làrach glè chudromach a tha ann a thaobh geòlais agus luibh-eòlais, agus cheannaich Urras Nàiseanta na h-Alba 12,800 acair sna 1930an. Air taobh tuath a' ghlinne tha druim Aonach Eagach, streap cho doirbh 's a tha air mor-thìr na h-Alba. Tha Bidean nam Bian air taobh ìseal a' chinn a deas, còmhla ri Buachaill Eite Beag a tha a' dol air ais gu ruige Gleann Eite, agus Buachaill Eite Mòr air taobh àrd a' chinn a deas. Tha an sgìre glè tharraingeach do luchd-coiseachd agus do luchd-streap.<br /> <br /> Tha an gleann ainmeil cuideachd air sgàth Murt Ghlinne Comhainn. Ann an 1692 chuir an Riaghaltas saighdearan dearga fo cheannard Caimbeulach dhan ghleann a mharbhadh Clann Mhic Iain Ghlinne Comhainn. Bha iad airson eisimpleir a dhèanamh de Chlann Mhic Iain a chionn 's nach tug iad bòid dìlseachd do dh' Uilleam III. Fhuair na saighdearan dearga dìon bhon chathadh agus thug iad ionnsaigh air Cloinn Mhic Iain fhad 's a bha iad nan cadal. Chaidh 38 dhaoine a mharbhadh. <br /> <br /> Thainig an dealbh seo bho 'Remarks on Local Scenery and Manners in Scotland' leab. 2 le Iain Stoddart