Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Shruighlea
EXTERNAL ID
QZP40_250_228
ÀITE
Caisteal Shruighlea
SGÌRE
Sruighlea
DEIT
1801
LINN
1800an
CRUTHADAIR
Mr Nattes / Merigot
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31057
KEYWORDS
Caisteal Shruighlea
caistealan
cathan
Drochaid Shruighlea
Allt a' Bhonnaich
Raibeart Brùs
togalaichean
rìghrean
ban-rìgh
armailtean
Seumasaich
Cogaidhean na Neo-eisimeileachd
Stirling Castle

Tha e doirbh a bhith cinnteach cùin a chaidh Caisteal Shruighlea a thogail o thùs. Is ann san dara linn deug a gheibhear a' chiad chunntas air nuair a chaidh an caibeal a choisrigeadh le Alastair I, ged is cinnteach gun robh daoine air a' chreig roimhe sin. Tha an caisteal ann an suidheachadh math airson dìon ann am meadhan na dùthcha, eadar Gàidhealtachd is Galldachd, agus tha e a' dìon na h-àth nas ìsle air an Abhainn Dhuibh. Bha smachd air a' chaisteal glè chudromach a thaobh smachd air Alba gu lèir.

Bha an caisteal cudromach ann an Cogaidhean na Neo-eisimeileachd, Cath Drochaid Shruighlea (1297) agus Cath Allt a' Bhonnaich (1314) a bha faisg air. Thug Raibeart Brùs ionnsaigh air daingeachd a' chaisteil an dèidh Cath Allt a' Bhonnaich gus nach faodadh na Sasannaich an caisteal a chleachdadh a-rithist. Bha an caisteal fo smachd nan Sasannach a-rithist ann an 1336 ach còig bliadhna an dèidh sin bha e aig na h-Albannaich aon uair eile.

Bha e na dhachaigh do rìghrean bho Sheumas I gu Seumas VI, agus chaidh an caisteal, mar a tha e an-diugh, a thogail eadar 1370 is 1750. Aig toiseach an 18mh linn bha e na ghearastan agus sheas e rè aramach nan Seumasach ann an 1715 agus 1745. An dèidh sin bha e na thaigh-feachd do Rèiseamaid Earra-ghaidheil is Chataibh gu ruige 1964. Tha an caisteal a-nis fo dhìon Alba Eachdraidheil.

Thainig an dealbh bho 'Remarks on Local Scenery and Manners in Scotland' leab. 2 le Iain Stoddart

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Shruighlea

1800an

Caisteal Shruighlea; caistealan; cathan; Drochaid Shruighlea; Allt a' Bhonnaich; Raibeart Brùs; togalaichean; rìghrean; ban-rìgh; armailtean; Seumasaich; Cogaidhean na Neo-eisimeileachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)