Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Aora
EXTERNAL ID
QZP40_262_P144
ÀITE
Inbhir Aora
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Inbhir Aora
DEIT
1805
LINN
1800an
CRUTHADAIR
J M W Turner
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31065
KEYWORDS
bailtean
togalaichean
cinnidhean
caistealan
prìosain
Loch Fìne
Clann Chaimbeil
Inveraray

Tha Inbhir Aora air cladach Loch Fìne is b' e Baile Siorrachd Earra-ghàidheil uaireigin. 'S e am baile seo an dara baile leis an ainm Inbhir Aora - chaidh a' chiad bhaile a leagail is a thogail ann an àite ùr leis an 3mh Diùc Earra-ghàidheil airson làrach a dhèanamh airson Caisteal Inbhir Aora ann an 1740.

Mar thoradh air an seo, tha am baile làn de thogalaichean Seòrasach. Tha an Eaglais Easbaigeach, a bh'air a togail ann an dà phàirt gus am biodh seirbheasan Bheurla is Ghàidhlig gan cumail innte aig an aon àm am measg nan togalaichean sònraichte. Tha Taigh na Cùrtach agus am Prìosan sònraichte cuideachd. 'S e cuimhneachan do na Caimbeulaich a bhàsaich sa Chogadh Mhòr a th'ann an Tùr a' Chluig sa bhaile. Tha deich cluig anns an tùr agus 's e an dara bualadh bu thruime air an t-saoghal, a rèir coltais. Tha Diùcan Earrra-ghàidheil - ceannardan nan Caimbeulach - fhathast a' cleachdadh Caisteal Inbhir Aora mar dhachaigh.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'An Excursion to the Highlands of Scotland and the English Lakes, with recollections, descriptions and references to historical facts', le Iòsaph Mawman

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Aora

EARRA-GHÀIDHEAL: Inbhir Aora

1800an

bailtean; togalaichean; cinnidhean; caistealan; prìosain; Loch Fìne; Clann Chaimbeil

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Tha Inbhir Aora air cladach Loch Fìne is b' e Baile Siorrachd Earra-ghàidheil uaireigin. 'S e am baile seo an dara baile leis an ainm Inbhir Aora - chaidh a' chiad bhaile a leagail is a thogail ann an àite ùr leis an 3mh Diùc Earra-ghàidheil airson làrach a dhèanamh airson Caisteal Inbhir Aora ann an 1740.<br /> <br /> Mar thoradh air an seo, tha am baile làn de thogalaichean Seòrasach. Tha an Eaglais Easbaigeach, a bh'air a togail ann an dà phàirt gus am biodh seirbheasan Bheurla is Ghàidhlig gan cumail innte aig an aon àm am measg nan togalaichean sònraichte. Tha Taigh na Cùrtach agus am Prìosan sònraichte cuideachd. 'S e cuimhneachan do na Caimbeulaich a bhàsaich sa Chogadh Mhòr a th'ann an Tùr a' Chluig sa bhaile. Tha deich cluig anns an tùr agus 's e an dara bualadh bu thruime air an t-saoghal, a rèir coltais. Tha Diùcan Earrra-ghàidheil - ceannardan nan Caimbeulach - fhathast a' cleachdadh Caisteal Inbhir Aora mar dhachaigh.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'An Excursion to the Highlands of Scotland and the English Lakes, with recollections, descriptions and references to historical facts', le Iòsaph Mawman