Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Laomainn
EXTERNAL ID
QZP40_262_P167
ÀITE
Loch Laomainn
DEIT
1805
LINN
1800an
CRUTHADAIR
J M W Turner
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31066
KEYWORDS
lochan
beathaichean
eigh-shruthan
cruinn-eòlas
cnuic
beanntan
eileanan
Loch Lomond

Tha Loch Laomainn faisg air 28 mìle ceàrnagach ann am farsaingeachd agus seo an loch fìor-uisge as motha ann am Breatainn a tha a-staigh air an dùthaich. Chan eil barrachd uisge ach ann an Loch Nis.

Seo an aon loch mhòr a th'air an Sgàineadh Ghàidhealach. Chaidh a cruthachadh le eigh-shruthan rè Linn na Deighe a gheàrr slighe chumhang anns na creagan cruaidh aig tuath agus slighe nas leatha tro na creagan bu bhuige aig deas. 'S e Beinn Laomainn - a' bheinn Rothach as fhaide deas - a' bheinn as àirde a tha timcheall air an loch. Mus deach Alba a stèidheachadh, bha Loch Laomainn eadar na trì rìoghachdan - Dàl Riata, Srath Chluaidh is Tìr nan Cruithneach.

Tha mu 37 eilean san loch, feadhainn dhiubh gam falach agus a' nochdhadh a rèir 's mar a tha an t-uisge ag èirigh 's a' tuiteam. Tha fèidh, iolairean buidhe is iomadh seòrsa èisg anns an loch agus timcheall oirre. 'S e am beathach as neònaiche a gheibhear aig Loch Laomainn wallaby le amhaich dhearg. Tha iad a' tuineachadh air fear de na h-eileanan as motha. Bha còir aca a bhith ann am pàirc fhiadh-bheatha, ach cha tàinig na planaichean gu buil.

Chaidh an dealbh-tìre seo a thoirt o 'An Excursion to the Highlands of Scotland and the English Lakes, with recollections, descriptions and references to historical facts', le Iòsaph Mawman

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Laomainn

1800an

lochan; beathaichean; eigh-shruthan; cruinn-eòlas; cnuic; beanntan; eileanan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)