Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Eilean Donnain, Loch Aillse
EXTERNAL ID
QZP40_287_P001
ÀITE
Caisteal Eilean Donnain
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cinn Tàile
DEIT
1890
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31067
KEYWORDS
caistealan
Eilean Donnan
cinnidhean
Clann 'ic Choinnich
lochan
eileanan
na Moirich
Eilean Donan Castle, Lochalsh

Chaidh Caisteal Eilean Donnain a thogail mun 12mh linn air eilean beag far a bheil Loch Aillse, Loch Dubhthaich agus Loch Long a' coinneachadh. Thog Alasdair II an caisteal airson a bhith na dhaingneach aig àm nan Lochlannach. Thug Alasdair III an caisteal do Iarla Desmond à Èirinn agus fhuair Clann 'ic Choinnich seilbh air an dèidh sin. Bha an caisteal air ais 's air adhairt eadar Clann 'ic Choinnich agus na Moirich mus d' fhuair Iain MacCoinnich Chinn Tàile e mu dheireadh le Còirichean Rìoghail sgrìobhte.

Bha saighdearan Spàinnteach a' fuireach ann an Caisteal Eilean Donnain aig àm Aramach nan Seumasach ann an 1719. Air sgàth sin thug soithichean chogaidh an riaghaltais ionnsaigh air agus chaidh fhagail fàs.

Ann an 1912 cheannaich am Fo-cheannard Còirneal Iain MacRath-Gilstrap an caisteal agus chaidh ath-thogail a dhèanamh air eadar 1914 agus 1949, agus chaidh drochaid a chur ris.

'S e Caisteal Eilean Donnain fear de na caistealan an Alba as trice a chithear air cairtean puist, air mìosachain agus ann am fiolmaichean.

Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'Scenes and Stories from the North of Scotland' le Iain Mac na Ceardaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Eilean Donnain, Loch Aillse

ROS: Cinn Tàile

1890an

caistealan; Eilean Donnan; cinnidhean; Clann 'ic Choinnich; lochan; eileanan; na Moirich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)