Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Peelans
EXTERNAL ID
QZP40_287_P180
DEIT
1890
LINN
1850an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31074
KEYWORDS
caractaran
Inbhir Theòrsa
goid
ceannairc
eucoir
peanasachadh
far-ainmean
Peelans
Peelans

Tha e air aithris gur e Iain MacGillEathain an t-ainm ceart a bh' air Peelans (no Pillans). Bha e na charactar ann an Inbhir Theòrsa mu na 1850an. Cha robh fios aig ùghdar an leabhar às an tàinig an dealbh seo cò às a fhuair e am far-ainm sin. Cha b'ann à Inbhir Theòrsa a bha e bho thùs ach bhathas a' smaoineachadh gur ann à taobh an iar na Gaidhealtachd a bha e, 's docha às a' Mhorbhairn no à Muile.

Nuair a bha e glè òg chaidh Peelans fhaighinn ciontach air a bhith a' goid. Chuir athair ann an cliabh iasgaich làn losgainn e agus chuir e teine ris mar pheanasachadh. Fhuair Peelans às le bheatha ach cha do bhruidhinn e ri athair a chaoidh tuilleadh. Bha buaidh aig na thachair air inntinn agus 's e duine neònach, leth-chiallach a bh' ann. Bha bat' aige airson e fhèin a dhìon bho dhuine a dhèanadh cron air, ach a dh'aindeoin a dhòighean bhrùideil bha muinntir an àite ag ràdh gum faiceadh iad buaidh creidimh air a dhòighean uaireannan cuideachd.

Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'Scenes and Stories from the North of Scotland' le Iain Mac na Ceardaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Peelans

1850an

caractaran; Inbhir Theòrsa; goid; ceannairc; eucoir; peanasachadh; far-ainmean; Peelans

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Tha e air aithris gur e Iain MacGillEathain an t-ainm ceart a bh' air Peelans (no Pillans). Bha e na charactar ann an Inbhir Theòrsa mu na 1850an. Cha robh fios aig ùghdar an leabhar às an tàinig an dealbh seo cò às a fhuair e am far-ainm sin. Cha b'ann à Inbhir Theòrsa a bha e bho thùs ach bhathas a' smaoineachadh gur ann à taobh an iar na Gaidhealtachd a bha e, 's docha às a' Mhorbhairn no à Muile.<br /> <br /> Nuair a bha e glè òg chaidh Peelans fhaighinn ciontach air a bhith a' goid. Chuir athair ann an cliabh iasgaich làn losgainn e agus chuir e teine ris mar pheanasachadh. Fhuair Peelans às le bheatha ach cha do bhruidhinn e ri athair a chaoidh tuilleadh. Bha buaidh aig na thachair air inntinn agus 's e duine neònach, leth-chiallach a bh' ann. Bha bat' aige airson e fhèin a dhìon bho dhuine a dhèanadh cron air, ach a dh'aindeoin a dhòighean bhrùideil bha muinntir an àite ag ràdh gum faiceadh iad buaidh creidimh air a dhòighean uaireannan cuideachd.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'Scenes and Stories from the North of Scotland' le Iain Mac na Ceardaich