Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Boustie
EXTERNAL ID
QZP40_287_P195
DEIT
1890
LINN
1850an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31076
KEYWORDS
caractaran
daoine
Inbhir Theòrsa
uaislean
far-ainmean
Boustie
Boustie

B' e Niall MacAoidh an t-ainm ceart a bh'air Boustie. Ged a b' e fear de na caractaran ann an Inbhir Theòrsa cha b'ann às an sin a bha e agus bha cuid den bheachd gur ann à Dùthaich MhicAoidh ann an Cataibh a bha e.

Cha robh fhios aig duine le cinnt mar a thàinig e a Ghallaibh. Chualas sgeulachdan gun do thuit e as an adhar mar mheteor, no gun do leum e à bàta eilthireachd, no gun robh e ag obair còmhla ri clachair ann an Dùn Eideann far na thog e dòighean nan uaislean.

B' e duine mòrchuiseach a bh' ann am Boustie. Bha e a' creidsinn gur e fear de na h-uaislean a bh' ann, ach bha e cuideachd ri innseadh bhreugan agus ri bòsdadh a thuilleadh air a bhith ri goid mòine bho nàbaidhean.

Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'Scenes and Stories of the North of Scotland' le Iain Mac na Ceardaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Boustie

1850an

caractaran; daoine; Inbhir Theòrsa; uaislean; far-ainmean; Boustie

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)