Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gàidheil
EXTERNAL ID
QZP40_319_P300
DEIT
1815
LINN
1810an
CRUTHADAIR
L Clark
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31078
KEYWORDS
aodach làitheil
plaidean
aodach
Achd an Di-armachaidh
Highlanders

'S e aodach gu math sìmplidh a bh'air na Gàidheil àbhaisteach san t-17mh is an t-18mh linn. Air na fir, bha pìos clò air an robh 'plaide', mu 4-6 slatan a dh'fhaid is 2 shlat a leud is air a cheangal mun mheadhan ann am pleatan le bann leathair. Bha e ceangailte air a' ghualainn chlì le bràiste mòr no prìne, is bha e a' tighinn sìos chun na glùine. Dh'fhaodadh fo-lèine a bhith air fon phlaide.

Seach nach robh pòcaidean sa phlaide, bhiodh sporan ceangailte ris an aghaidh mun mheadhan. Bha e gu math cumanta dha na fir nithean cudromach a thoirt leotha, mar eisimpleir biodag, sgian is forc is dà dhaga stàilinn. Cha robh brògan cumanta, is bhiodh iad a' falbh casrùisgte no le pìos leathair ceangailte mun casan. Nuair a thòisich stocainnean, bha an aon phàtran orra glè thric 's a bh'air a' phlaide, is bha iad air an dèanamh de chlò an àite a bhith air am fighe.

An dèidh Aramach nan Seumasach ann an 1745 rinn an Riaghaltas lagh gun robh e mì-laghail Èideadh Gàidhealach a bhith air duine. Bha an lagh air a tharraing air ais ann an 1782.

Tha an dealbh seo air a toirt o 'Journal of a Tour and Residence in Great Britain, during the years 1810 and 1811, by a French Traveller', le Louis Simond

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gàidheil

1810an

aodach làitheil; plaidean; aodach; Achd an Di-armachaidh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)