- TIOTAL
- Baile Chaolais
- EXTERNAL ID
- QZP40_348_P118
- ÀITE
- Baile a' Chaolais
- SGÌRE
- Ceann a Tuath Latharna
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
- DEIT
- 1791
- LINN
- 1790an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31087
- KEYWORDS
- Baile Chaolais
aiseagan
cidhichean
cuaraidhean
drochaidean
Loch Lìobhain
Murt Apainn
Seumas Stiùbhart
Cailean Chaimbeul Ghleann Iubhair
bàtaichean
carraighean

Tha Baile Chaolais ann an trì earrainnean. Tha Baile Chaolais fhèin beagan nas mòtha agus tha e ri lorg air bruaichean a deas Loch Lìobhainn, an iar air Gleanna Comhann. Tha bailtean Baile Chaolais a Tuath agus Baile Chaolais a Deas air gach taobh de Loch Lìobhainn far a bheil e gu math nas cuinge.
Bha aiseag eadar Bailtean a Deas 's a Tuath cho tràth ri 1730 agus bha aiseag chàraichean ann bho 1912 gu 1975 nuair a chaidh an drochaid rathaid a thogail.
B' e 'Laroch' an t-ainm a bh' air clachan mòr Bhaile Chaolais fhèin an toiseach ach thug cuaraidh nan sglèat an t-ainm air a' bhaile troimh thìde.
Faisg air a' chidhe ann am Baile Chaolais a Deas tha carragh ann a tha a' comharrachadh an àite far an deach Seumas Stiùbhart a chrochadh airson 'Murt Apainn'. B' e seo murt Cailean Chaimbeul Ghleann Iubhair, fear air nach robh mòran dhaoine measail, air sgàth gun deach a chur ann na shiamarlan air oigreachd Lochiall agus air dùthaich Stiùbhartaich Apainn nuair a chaidh an talamh a thoirt bhuapa an dèidh Aramach nan Seumasach ann an 1745. Thathas teagmhach fhathast an robh Seumas Stiùbhart ciontach den mhurt no nach robh.
Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'Prospects and Observations on a Tour in England and Scotland' le Tòmas Newte