Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_348_P140
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1791
LINN
1790an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31088
KEYWORDS
Inbhir Nis
bailtean
cathair bhailtean
batailean
prìomh bhailtean
Baile Mòr Rìoghail
Cùil Lodair
Na Seumasaich
MacBheatha
togalaichean
eaglaisean
cathair eaglaisean
aibhnichean
lochan
Sligh'-uisge na h-Alba
canàl
Inverness

Tha Inbhir Nis aig ceann a' Ghlinn Mhòir air bruaichean Abhainn Nis. Thathas gu tric a' cur 'Prìomh bhaile na Gaidhealtachd' air.

Stèidhich an Rìgh Daibhidh e mar Bhaile Mòr Rìoghail ann an 1158. Tha ceangalaichean aig a' bhaile ri MacBheatha a thog caisteal anns a' bhaile. Ann an 1303 bha làmh an uachdair aig saighdearan Shasainn air a' bhaile ach an uairsin 's ann aig luchd taic Raibeart am Brus a bha e. Chaill iadsan am baile ann an 1508 nuair a fhuair Morair Hunndaidh seilbh air aig àm an 'Aramach Ghlòrmhoir' ann an 1688.

Bha Inbhir Nis am meadhan Aramach nan Seumasach ann an 1745, a thàinig gu ceann aig Blàr Chùil Lodair ann an 1746.

Nuair a thàinig Sligh'-uisge na h-Alba ann an 1822 bha buaidh mhòr aig a sin air a' bhaile cuideachd. 'S ann an Inbhir Nis a bha an aon choinneamh de Chabinet Bhreatainn a chaidh a-riamh a chumail a-mach à Lunnain. Thachair seo ann an Taigh a' Bhaile ann an 1921 agus Lloyd George air làithean saora ann an Rois an Ear nuair chuir Èirinn a cùl ris an Rìgh agus ris an Ìompireachd.

Ri linn a bhith am meadhan eachdraidh bhrùideil na Gàidhealtachd, chan eil mòran thogalaichean le ailtireachd àrsaidheil air fhàgail ann an Inbhir Nis, ach a-mhàin an t-Seann Àrd Eaglais. Tha a' chuid as motha de dh'ailtireachd Inbhir Nis bhon 19mh linn.

Bha cliù aig Inbhir Nis nach robh e na bhaile mhòr a chionns' nach robh stìoball air cathair-eaglais a' bhaile, ach fhuair am baile inbhe Bhaile Mhòr, còmhla ri dà bhaile eile, aig àm na Mìle Bliadhna.

Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'Prospects and Observations on a Tour in England and Scotland' le Tòmas Newte

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1790an

Inbhir Nis; bailtean; cathair bhailtean; batailean; prìomh bhailtean; Baile Mòr Rìoghail; Cùil Lodair; Na Seumasaich; MacBheatha; togalaichean; eaglaisean; cathair eaglaisean; aibhnichean; lochan; Sligh'-uisge na h-Alba; canàl

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)