Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Peairt
EXTERNAL ID
QZP40_348_P211
ÀITE
Peairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
DEIT
1791
LINN
1790an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31089
KEYWORDS
Peairt
bailtean
togalaichean
pàircean
Na Seumasaich
Na Cùmhnantaich
Abhainn Tatha
aibhnichean
feachdan
An t-Ath-leasachadh
Sgàin
Perth

Tha Peairt am meadhan Alba, air a thogail far an robh àth a bha cudthromach aig ionad àird an làin air Abhainn Tatha. Bha daoine air a bhith a' fuireach a-seo bho àm a' ghearastain Ròmanach Bertha mu 83 AD. Bha e na àite chudthromach airson bathair bho chionn fhada.

Bha làn fhios aig a h-uile h-arm a thàinig gu Peairt tro na linntean cho cudthromach 'sa bha àth Abhainn Tatha an seo. Aig àm nan Cogaidhean Neo-Eisimileachd, bha Peairt air a dhaingneachadh gu mòr aig na Sasannaich gus an do ghabh Raibeart am Brus a-null e ann an 1313. Tha feachdan nan Cùmhnantach, nan Seumasach agus Oilbhreis Crombail air a bhith ann am Peairt thairis air na linntean.

Ri linn gu bheil Peairt faisg air baile Sgàin, far an robh cumhachd rìghrean na h-Alba, bhathas an dòchas gum biodh e na phrìomh bhaile ann an Alba. Thàinig an dòchas seo gu crìch ann an 1437 nuair a chaidh Seumas I a mhuirt ann am Peairt agus chaidh Seumas II, nach robh ach sia bliadhna a dh'aois, a chrùnadh ann an Dùn Eideann, oir bha a mhàthair den bheachd gum biodh e na bu shàbhailte an sin.

'S ann am Peairt a thòisich an t-Ath-leasachadh ann an Alba, nuair a rinn Iain Knox searmoin a' brosnachadh ath-leasachadh, ann an Eaglais an Naoimh Eòin.

Tha ainm aig Peairt, 'The Fair City', agus an dà phairc ann, aig Innis a Tuath agus aig Innis a Deas.

Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'Prospects and Observations on a Tour in England and Scotland' le Tòmas Newte

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Peairt

PEAIRT

1790an

Peairt; bailtean; togalaichean; pàircean; Na Seumasaich; Na Cùmhnantaich; Abhainn Tatha; aibhnichean; feachdan; An t-Ath-leasachadh; Sgàin

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)