Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh de Cheann Loch Raineach
EXTERNAL ID
QZP40_349_P265
ÀITE
Ceann Loch Raineach
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Fartairchill
DEIT
1802
LINN
1800an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31093
KEYWORDS
Ceann Loch Raineach
Loch Raineach
Ar-a-mach nan Seumasach
Abhainn Teimheil
View of Kinloch Rannoch

Tha baile Cheann Loch Raineach aig ceann an ear de Loch Raineach ann an siorrachd Pheairt. Chaidh am baile a stèideachadh an dèidh Aramach nan Seumasach ann an 1745. Bha muinntir na sgìre air a bhith daingeann do na Seumasaich agus bha an riaghaltas airson smachd a chumail orra. Chaidh na rathaidean agus na drochaidean an leasachadh agus thàinig saighdearan a bha air an dreuchd a leigeil dhiubh, a dh' fhuireach dhan bhaile. Bha còir aca a bhith a' dèanamh cinnteach nach biodh mì-rian anns an sgìre ach cha robh beatha socair air a' Ghaidhleatachd a' còrdadh riutha 's chaidh iad dhachaigh. Fhuair muinntir an àite cothrom air an talamh aca air màl. Thogadh an drochaid iomadh-bhoghach air Abhainn Teimheil le airgead a chaidh a thogail bho na h-oighreachdan a ghlac an riaghaltas as dèidh 1745.

Tha an dealbh seo às 'A Journey from Edinburgh through Parts of North Britain: containing Remarks of Scotish Landscape' le Alasdair Caimbeul, Lunnainn, 1802

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh de Cheann Loch Raineach

PEAIRT: Fartairchill

1800an

Ceann Loch Raineach; Loch Raineach; Ar-a-mach nan Seumasach; Abhainn Teimheil;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Tha baile Cheann Loch Raineach aig ceann an ear de Loch Raineach ann an siorrachd Pheairt. Chaidh am baile a stèideachadh an dèidh Aramach nan Seumasach ann an 1745. Bha muinntir na sgìre air a bhith daingeann do na Seumasaich agus bha an riaghaltas airson smachd a chumail orra. Chaidh na rathaidean agus na drochaidean an leasachadh agus thàinig saighdearan a bha air an dreuchd a leigeil dhiubh, a dh' fhuireach dhan bhaile. Bha còir aca a bhith a' dèanamh cinnteach nach biodh mì-rian anns an sgìre ach cha robh beatha socair air a' Ghaidhleatachd a' còrdadh riutha 's chaidh iad dhachaigh. Fhuair muinntir an àite cothrom air an talamh aca air màl. Thogadh an drochaid iomadh-bhoghach air Abhainn Teimheil le airgead a chaidh a thogail bho na h-oighreachdan a ghlac an riaghaltas as dèidh 1745.<br /> <br /> Tha an dealbh seo às 'A Journey from Edinburgh through Parts of North Britain: containing Remarks of Scotish Landscape' le Alasdair Caimbeul, Lunnainn, 1802