Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Niall Gobha
EXTERNAL ID
QZP40_350_P072
DEIT
1800
LINN
1760an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31105
KEYWORDS
fidhleirean
luchd-ciùil
puirt
fidheall
ceòl
ruidhle
srath-spè
Nathaniel Gobha
Neil Gow

Rugadh Niall Gobha ann an Inbhir, tuath air Dùn Chaillean, ann an 1727. Tha e ainmeil airson a bhith onarach, fosgailte agus spòrsail.

Dh'ionnsaich e e fhèin air an fhidhill, an dèidh leasan no dhà fhaighinn nuair a bha e na dheugair. Bha mòran den bheachd gur e am fear a b'fheàrr ann an Alba air ruidhle agus srath-spè a chluich. Bhathas ag iarraidh air cluich aig dannsan ann an Dùn Eideann.

Bha Iarla Athaill ga chumail ann an airgead 's le sin b' e ceòl an aon dreuchd a bha aige.

Chuir mac Neill, Nathaniel Gobha, iomadh port de na bh'aig athair ann an clò, agus tha iomadh fear dhiubh sin ga chluich an-diugh. Am measg nam port sin tha 'Farewell to Whisky' agus 'Neil Gow's Lament for the Death of his 2nd Wife', air a bheil fìdhleirean air feadh an t-saoghail eòlach an-diugh.

Bhàsaich e aig aois 80, ann an 1807.

Chaidh an dealbh seo a thoirt às an leabhar aig T. Garnett 'Observations on a tour through the Highlands'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Niall Gobha

1760an

fidhleirean; luchd-ciùil; puirt; fidheall; ceòl; ruidhle; srath-spè; Nathaniel Gobha

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)