- TIOTAL
- Peairt
- EXTERNAL ID
- QZP40_350_P123A
- ÀITE
- Peairt
- SIORRACHD/PARRAIST
- PEAIRT
- DEIT
- 1800
- LINN
- 1800an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31112
- KEYWORDS
- Peart
bailtean
togalaichean: pàircean
Sgàin
Abhainn Tatha
feachdan
an t-Ath-Leasachadh
Na Seumasaich
Na Cumhnantaich

Chaidh Peairt, ann am meadhan na h-Alba, a stèidheachadh aig ìre as àirde an làin air Abhainn Tatha. Bhathas air an làrach seo a thuineachadh an toiseach ann an Linn nan Ròmanach ann an 83AD, nuair a bha an gearastan Bertha anns an àite seo.
Bha làmh an uachdair aig an làraich seo air na feachdan a chaidh tro bhaile Pheairt thar nan linntean. Aig àm Cogadh na Saorsa bha Peairt aig na Sasannaich gus an d' fhuair Raibeart am Brus e ann an 1313. Chaidh taic a thoirt do na Cùmhnantaich, na Seumasaich agus Oilbhreis Crombail ann am Peairt.
Air sgàth gun robh Peairt cho faisg air Sgàin far an robh cumhachd na h-Alba, bhathas am beachd gum biodh e na phrìomh bhaile na h-Alba. Cha do thachair oir, ann an 1437, chaidh Seumas I a mhurt ann am Peairt agus an dèidh don Rìgh Seumas II a chrùnadh, aig sia bliadhna a dh'aois, thug a mhàthair e a Dhùn Eideann seach gun robh i a' faireachdainn gun robh e na bu shàbhailte.
Thòisich Ath-leasachadh na h-eaglais ann an Alba nuair a rinn Iain Knox searmon ann an Eaglais an Naoimh Eòin ann am baile Pheairt.
'S e 'The Fair City' ainm eile a bhios air Peairt air sgàth an Innis a Tuath agus Innis a Deas, dà phàirc sa bhaile.
Chaidh an dealbh seo a thoirt às an leabhar aig T. Garnett 'Observations on a tour through the Highlands'