Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cathair-eaglais agus Taigh an Easbaig ann an Eilean Ì
EXTERNAL ID
QZP40_350_P255
ÀITE
Ì
SGÌRE
Muile
SIORRACHD/PARRAIST
ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon
DEIT
1800
LINN
1800an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31119
KEYWORDS
Eilean Ì
Abaid Eilean Ì
cathair eaglaisean
Calum Cille
Tighearnas nan Eilean
Coimhearsnachd Eilean Ì
Alba Eachdraidheil
Cathedral and Bishop's House at Icolmkill

'S e 'Icolmkill' a' Ghàidhlig Èireannach airson Ì - eilean Chaluim na h-eaglais.

Tha Eilean Ì air a bhith na chridhe Creideimh ann an Alba bho thàinig Calum Cille air tìr ann an 563RC. Chaidh rìghrean na h-Alba a thìodhlacadh ann an Eilean Ì gu àm MhicBheatha ann an 1057. Ann an 1156 chuir Somhairle an teiche air na Lochlannaich à taobh an iar na h-Alba agus b' e esan ciad Triath nan Eilean. B' e a mhac, Reginald MacDhòmhnaill, a cho-dhùin gum bu chòir do dh' Eilean Ì a bhith mar mheadhan Crìosdaidheachd anns an Roinn Eòrpa, agus thog e a' chiad mhanachainn ann an ainm Chaluim Chille agus a' chiad taigh-crabhaidh ann an ainm Augustine.

An dèidh an Ath-leasachaidh chaidh an abaid bho fheum gu 1874 nuair a thug an t-8mh Diùc Earra-Ghàidheil barantas do Raibeart Rowand MacAnndra airson obair glèidhteachais a dheànamh air na tobhtaichean. Ann an 1899 fhuair Urras Cathair-eaglais Eilean Ì seilbh air an àite agus thòisicheadh ath-thogail.

Ann an 1938 stèidhich an t-Urramach Seòras MacLeòid Coimhearsnachd Eilean Ì agus b' e an obair aca na togalaichean ùrachadh gus an cleachdadh. Tha an Abaid an-diugh air a cleachdadh le coimhearsnachd a tha ag obair agus ag aoradh ann agus tha Coimhearsnachd Eilean Ì agus Alba Eachdraidheil a' coimhead an dèidh togalaichean agus ceàrnaidh na h-Abaid.

Chaidh an dealbh seo a thoirt às an leabhar aig T. Garnett 'Observations on a tour through the Highlands'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cathair-eaglais agus Taigh an Easbaig ann an Eilean Ì

ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon

1800an

Eilean Ì; Abaid Eilean Ì; cathair eaglaisean; Calum Cille; Tighearnas nan Eilean; Coimhearsnachd Eilean Ì; Alba Eachdraidheil

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)