Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Inbhir Garaidh
EXTERNAL ID
QZP40_350_P317
ÀITE
Caisteal Inbhir Garadh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
DEIT
1800
LINN
1800an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31124
KEYWORDS
caistealan
Caisteal Inbhir Gharaidh
Caisteal Gleann Gharaidh
Na Seumasaich
Loch Omhaich
taighean-òsta
togalaichean
Invergarry Castle

Tha Caisteal Inbhir Garaidh mu leth mhìle an ear air Inbhir Garadh air bruaichean Loch Omhaich. Chaidh a thogail tràth anns an t-17mh linn na dhaingneachd do chlann 'ic Iain.

Loisg an t-Seanalair Monck e ann an 1654 ach chaidh a thogail agus a dhaingneachadh a-rithist. Chailleadh e agus fhuaradh air ais e an dèidh aramach nan Seumasach ann an 1715 agus thadhail Am Prionnsa Teàrlach anns a' chaisteal aig àm aramach 1745.

Chaidh Caisteal Inbhir Garadh a sgrios le Diùc Cumberland agus a shaighdearan ann an 1746. Cha deach a-riamh a thogail às ùr ach thog ceann-cinnidh Ghleanna Garadh taigh ri taobh Loch Obhaich, a chaidh atharrachadh nas fhaide air adhart le Marcas Shrath Bhalgaidh nuair a cheannaich e oighreachd Ghleanna Garadh ann an 1838. Thog Èideard Ellice a b' òige, aitreabh mòr eadar 1866 agus 1869 air no faisg air làrach seann taigh a' cheann-cinnidh. Air a thogail ann an seann stoidhle Seumasach Alba tha an taigh mòr seo, air an robh an t-ainm Taigh Inbhir Garadh, a-nis aithnichte mar Taigh-òsta Chaisteil Ghleanna Garadh.

Chaidh an dealbh seo a thoirt às an leabhar aig T. Garnett 'Observations on a tour through the Highlands'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Inbhir Garaidh

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

1800an

caistealan; Caisteal Inbhir Gharaidh; Caisteal Gleann Gharaidh; Na Seumasaich; Loch Omhaich; taighean-òsta; togalaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)