Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Airidhean ann an Diùra is bothan ann an Ìle
EXTERNAL ID
QZP40_351A_2_P246
ÀITE
Earra-ghàidheal
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL
DEIT
1776
LINN
1760an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31136
KEYWORDS
àiridhean
fasgaidhean
bothain
Sheilings in Jura and a cottage in Islay

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'A Tour in Scotland' le Tòmas Pennant. Gu h-àrd, tha eisimpleir de dh'àiridhean ann an Diùra is sealladh air Beanntan Dhiùra. Bhiodh daoine bochda a bha a' coimhead an dèidh nan treudan crodh-bainne air an eilean a' fuireach 's na h-àiridhean. Bha cumadh nan àiridhean eadar-dhealaichte, bho fheadhainn a bha cònach gu feadhainn a bha fada, ceàrnagach agus bha iad air an togail le geugan chraobhan le còmhdach de chip no sgrathan. Am broinn a' mhòr-chuid de na h-àiridhean bha leabaidh fhraoich, dà phlaide, brat-ùrlair is dhà no trì soithichean stuth bainne. Ann am feadhainn dhiubh bha sgeilp de dh'obair-clèibh gus càise a chumail, càise a chaidh a dhèanamh troimh'n t-samhradh. Anns an dealbh a tha fodha chithear bothan dhen t-seòrsa a bha cumanta ann an Ìle

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Airidhean ann an Diùra is bothan ann an Ìle

EARRA-GHÀIDHEAL

1760an

àiridhean; fasgaidhean; bothain

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)