Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Àrd-eaglais Eilean Idhe
EXTERNAL ID
QZP40_351A_2_P290
ÀITE
Ì
SGÌRE
Muile
DEIT
1776
LINN
1760an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31141
KEYWORDS
àrd-eaglaisean
abaidean
manachainnean
Iona Cathedral

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'A Tour in Scotland' le Tòmas Pennant. Tha Àrd-eaglais Ì, a th' air a togail ann an cruth croise, ri faicinn ann.

Air a stèidheachadh anns an t-6mh linn le Calum Cille, 's e Àrd-eaglais Ì àite tìodhlagaidh Rìghrean tràtha na h-Alba. Chan eil dad den chiad togalach air fhàgail an-diugh; chaidh clachan a chur an àite an fhiodh cho tràth ri 1200 agus chaidh iomadh leudachadh a chur ris an àrd-eaglais suas gu meadhan an t-16mh linn. Chaidh an abaid fhàgail bàn is briste an dèidh ionnsaigh a thoirt air an àm an Ath-leasachaidh ann an1560 agus bha e mar sin suas gu 1899, nuair a thug Diùc Earra-ghàidheil an togalach do dh' Urras Àrd-eaglais Ìdhe.

Ged a chaidh an togalach a thoirt dhan Urras, cha robh maoineachas sam bith na chois, 's mar sin chaidh iarrtas airgid a dhèanamh ann an 1901 gus airgead leasachaidh a thogail. Ged a thòisich obair an ath bhliadhna a' cur mullaich is uinneagan ùra ris aig cosgais £2,750, lean an ath-thogail air adhart o àm gu àm fad bhliadhnaichean gus an robh e crìochnaichte mu dheireadh ann an 1965

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Àrd-eaglais Eilean Idhe

1760an

àrd-eaglaisean; abaidean; manachainnean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'A Tour in Scotland' le Tòmas Pennant. Tha Àrd-eaglais Ì, a th' air a togail ann an cruth croise, ri faicinn ann.<br /> <br /> Air a stèidheachadh anns an t-6mh linn le Calum Cille, 's e Àrd-eaglais Ì àite tìodhlagaidh Rìghrean tràtha na h-Alba. Chan eil dad den chiad togalach air fhàgail an-diugh; chaidh clachan a chur an àite an fhiodh cho tràth ri 1200 agus chaidh iomadh leudachadh a chur ris an àrd-eaglais suas gu meadhan an t-16mh linn. Chaidh an abaid fhàgail bàn is briste an dèidh ionnsaigh a thoirt air an àm an Ath-leasachaidh ann an1560 agus bha e mar sin suas gu 1899, nuair a thug Diùc Earra-ghàidheil an togalach do dh' Urras Àrd-eaglais Ìdhe.<br /> <br /> Ged a chaidh an togalach a thoirt dhan Urras, cha robh maoineachas sam bith na chois, 's mar sin chaidh iarrtas airgid a dhèanamh ann an 1901 gus airgead leasachaidh a thogail. Ged a thòisich obair an ath bhliadhna a' cur mullaich is uinneagan ùra ris aig cosgais £2,750, lean an ath-thogail air adhart o àm gu àm fad bhliadhnaichean gus an robh e crìochnaichte mu dheireadh ann an 1965