Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh den Teallach, Achadh Dà Dhòmhnaill
EXTERNAL ID
QZP40_351A_2_P379
ÀITE
Achadh Dà Dhòmhnaill
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
DEIT
1776
LINN
1760an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31153
KEYWORDS
An Teallach
beanntan
Munro
Achadh Dà Dhòmhnaill
taighean
View of An Teallach, Dundonnell

Tha an dealbh seo on leabhar 'A Tour in Scotland', le Tòmas Pennant. Tha e a' sealltainn sealladh den Teallach, Munro a tha trì mìle an iar-dheas air Achadh Dà Dhòmhnaill. Tha a' bheinn 3,478 troigh a dh'àirde is tha an t-slighe chun a' mhullaich 22 chilemeatair. 'S e beinn Albannach thar 3,000 troigh a th'ann am Munro. Thàinig an t-ainm o Shir Ùisdean Rothach, a chlàr gach tè dhiubh.

Cha robh an taigh san dealbh ach mu 2 bhliadhna a dh'aois nuair a bha Pennant san sgìre ann an 1769. Chaidh a thogail ann an 1767, a' leasachadh seann taigh san aon àite. Bha ceithir prìomh sheòmraichean ann, le staidhre sa mheadhan, mullach sglèat is uinneagan le glainne. Os cionn an dorais, tha clach le ceann-latha is cabair fhèidh, samhla chlann MhicCoinnich. Chithear an cidsin is seòmraichean nan searbhantan air an taobh chlì.

Tha na reigean a chithear ris an aghaidh o sheann bhailtean is fhearainn Achadh Dà Dhòmhnaill. 'S ann mu 1705 a chaidh an t-ainm 'Dundonnell' a thoirt air - 's e 'Achatidonnell' a bh'air roimhe.

Rugadh Tòmas Pennant (1726-1798) ann an Siorrachd Flint, Ceann a Tuath na Cuimrigh. B' e eachdraidh nàdarra, àrsachdan is siubhal na prìomh chur-seachadan aige. Chaidh e timcheall Alba ann an 1769 is 1772, is thug e iomradh air na h-àitean dhan deach e is na daoine ris an do choinnich e

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh den Teallach, Achadh Dà Dhòmhnaill

ROS: Loch Bhraoin

1760an

An Teallach; beanntan; Munro; Achadh Dà Dhòmhnaill; taighean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)