Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Nithean on mheadhan-linn a chaidh an lorg aig Dùn Staifnis
EXTERNAL ID
QZP40_351A_2_P410
ÀITE
Caisteal Dhùn Stafhainis
SGÌRE
Ceann a Deas Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde
DEIT
1776
LINN
1760an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31156
KEYWORDS
caistealan
claidhmhnean
spealan
innleachdasan
rudan àirseachail
Medieval finds at Dunstaffnage

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'A Tour in Scotland' le Tòmas Pennant. Tha e a' sealltainn nithean on mheadhan-linn a chaidh an lorg aig Caisteal Dhùn Staifnis, faisg air an Òban.

Tha an dealbh anns a' mheadhan a' sealltainn ìomhaigh bheag ìbhri, a chaidh a lorg ann am pàirt briste den chaisteal. Thathar ag ràdh gu bheil e a' riochdachadh na cathair-crùnaidh aig Dùn Staifnis, far an robh an Lia-Fàil air a shuidheachadh gus an deach a chur air falbh gu Sgàin. Na shuidhe air samhla den chathair-chrùnaidh, tha ìomhaigh de mhonarc is crùn air agus leabhar aige na làimh. Tha riaghailtean na tìre san leabhar seo, agus tha e a' gealltainn gum bi e umhail riutha.

Air taobh chì na cathair-chrùnaidh tha eisimpleir de chlaidheamh Dhanmhairceach, agus tha speal shaighdearach air an làimh dheis. Fodha, tha pàirt de chlaidheamh iarainn sgonnach, sìmplidh a chaidh a lorg ann an Ìle

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Nithean on mheadhan-linn a chaidh an lorg aig Dùn Staifnis

EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde

1760an

caistealan; claidhmhnean; spealan; innleachdasan; rudan àirseachail

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'A Tour in Scotland' le Tòmas Pennant. Tha e a' sealltainn nithean on mheadhan-linn a chaidh an lorg aig Caisteal Dhùn Staifnis, faisg air an Òban.<br /> <br /> Tha an dealbh anns a' mheadhan a' sealltainn ìomhaigh bheag ìbhri, a chaidh a lorg ann am pàirt briste den chaisteal. Thathar ag ràdh gu bheil e a' riochdachadh na cathair-crùnaidh aig Dùn Staifnis, far an robh an Lia-Fàil air a shuidheachadh gus an deach a chur air falbh gu Sgàin. Na shuidhe air samhla den chathair-chrùnaidh, tha ìomhaigh de mhonarc is crùn air agus leabhar aige na làimh. Tha riaghailtean na tìre san leabhar seo, agus tha e a' gealltainn gum bi e umhail riutha.<br /> <br /> Air taobh chì na cathair-chrùnaidh tha eisimpleir de chlaidheamh Dhanmhairceach, agus tha speal shaighdearach air an làimh dheis. Fodha, tha pàirt de chlaidheamh iarainn sgonnach, sìmplidh a chaidh a lorg ann an Ìle