Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhùn Staifnis
EXTERNAL ID
QZP40_351A_2_P411
ÀITE
Caisteal Dhùn Stafhainis
SGÌRE
Ceann a Deas Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde
DEIT
1776
LINN
1760an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31157
KEYWORDS
caistealan
cinnidhean
Seumasaich
Dunstaffnage Castle

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'A Tour in Scotland' le Tòmas Pennant.
Tha e a' sealltainn Caisteal Dhùn Staifnis, mu chòig mile tuath air an Òban, taobh a siar na h-Alba.

Thog Donnchadh no Eòghann MacDhùghaill an caisteal mu 1275. 'S e cuithir no daingneach aig clann MhicDhùghaill a bh'ann aig aon àm, ach ghlac Raibeart am Brus e ann an 1309, agus chuir e fo smachd nan Caimbeulach e, ann an ainm a' Chrùin.

Thathar ag ràdh gur e dachaigh na Lia-Fàil ainmeil a bh'ann, nuair a chaidh a' chlach sin a thoirt à Èirinn gu Alba, taobh Eilein Ì. Thathar ag ràdh cuideachd gur e an t-àite far an deach Flòraidh NicDhòmhnaill a chur an grèim an dèidh dhi cuideachadh a thoirt do Theàrlach Eideard Stiùbhart nuair a bha e a' teicheadh an dèidh Aramach nan Seumasach ann an 1746

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dhùn Staifnis

EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde

1760an

caistealan; cinnidhean; Seumasaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)