Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eas Yorke
EXTERNAL ID
QZP40_351_P119
ÀITE
Blàr Athall
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
1776
LINN
1760an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31166
KEYWORDS
eas
easan
aibhnichean
lochan
uillt
glinn
drochaidean
cumhachd dealan-uisge
Yorke Cascade

'S ann o 'A Tour in Scotland' le Tòmas Pennant a tha an dealbh seo. Tha Eas Yorke faisg air Blàr Athaill, Siorrachd Pheairt. Tha Pennant a' bruidhinn air allt a tha mu mhìle o Thaigh Bhlàir Athaill, no Caisteal Bhlàir. Tha a h-uile coltas gur ann air na h-easan a tha aig comar Abhainn Teilt agus Allt Fionndair a tha e a' bruidhinn. Tha Abhainn Teilt a' sruthadh o Loch Teilt tro Ghleann Teilt agus tha i a' coinneachadh Allt Fhionndair aig Drochaid Fhionndair mu mhìle gu tuath air Blàr Athaill, far a bheil an t-uisge a' tuiteam ann an trì still chumhachdach. Tha an abhainn an uair sin a' dol air adhart gus an coinnich i Abhainn Garaidh aig Drochaid Teilt, dìreach taobh a-muigh Bhlàr Athaill. An-diugh tha dama an dealain-uisge air Abhainn Teilt.

'S e Cuimreach a bh' ann an Tòmas Pennant (1726-1798); rugadh e ann an Downing ann am Flintshire. 'S e uachdaran-talmhainn a bh' ann, le airgead fhèin, agus mar sin dh'fhaodadh e ùidh fhèin a leantainn, agus bha iomadh fear dhiubh sin aige, nam measg eachdraidh nàdarra agus siubhal. An dèidh dha turas a dhèanamh ann an Alba, chlò-bhuail e 'A Tour in Scotland' (1769). Reic an leabhar seo cho math 's gun do rinn e cunntas eile, ann an dà leabhar (1774), air turas eile a rinn e timcheall air Alba. Tha sgrìobhainnean Pennant làn fiosrachaidh air na rudan a chunnaic e san tìr, ann an eachdraidh agus ann an dualchas na dùthcha anmoch san 18mh linn. Tha loinn air a chur orra le deilbh a chaidh an dèanamh, a' chuid a bu mhotha dhiubh, le Moses Griffiths

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eas Yorke

PEAIRT: Blàr Athall

1760an

eas; easan; aibhnichean; lochan; uillt; glinn; drochaidean; cumhachd dealan-uisge

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

'S ann o 'A Tour in Scotland' le Tòmas Pennant a tha an dealbh seo. Tha Eas Yorke faisg air Blàr Athaill, Siorrachd Pheairt. Tha Pennant a' bruidhinn air allt a tha mu mhìle o Thaigh Bhlàir Athaill, no Caisteal Bhlàir. Tha a h-uile coltas gur ann air na h-easan a tha aig comar Abhainn Teilt agus Allt Fionndair a tha e a' bruidhinn. Tha Abhainn Teilt a' sruthadh o Loch Teilt tro Ghleann Teilt agus tha i a' coinneachadh Allt Fhionndair aig Drochaid Fhionndair mu mhìle gu tuath air Blàr Athaill, far a bheil an t-uisge a' tuiteam ann an trì still chumhachdach. Tha an abhainn an uair sin a' dol air adhart gus an coinnich i Abhainn Garaidh aig Drochaid Teilt, dìreach taobh a-muigh Bhlàr Athaill. An-diugh tha dama an dealain-uisge air Abhainn Teilt.<br /> <br /> 'S e Cuimreach a bh' ann an Tòmas Pennant (1726-1798); rugadh e ann an Downing ann am Flintshire. 'S e uachdaran-talmhainn a bh' ann, le airgead fhèin, agus mar sin dh'fhaodadh e ùidh fhèin a leantainn, agus bha iomadh fear dhiubh sin aige, nam measg eachdraidh nàdarra agus siubhal. An dèidh dha turas a dhèanamh ann an Alba, chlò-bhuail e 'A Tour in Scotland' (1769). Reic an leabhar seo cho math 's gun do rinn e cunntas eile, ann an dà leabhar (1774), air turas eile a rinn e timcheall air Alba. Tha sgrìobhainnean Pennant làn fiosrachaidh air na rudan a chunnaic e san tìr, ann an eachdraidh agus ann an dualchas na dùthcha anmoch san 18mh linn. Tha loinn air a chur orra le deilbh a chaidh an dèanamh, a' chuid a bu mhotha dhiubh, le Moses Griffiths