Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Capall Coille
EXTERNAL ID
QZP40_351_P218
DEIT
1776
LINN
1760an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31171
KEYWORDS
Capall Coille
eòin
cearc-fhraoich
coille
coille ghiuthais
frìth
Capercaillie

'S e an capall coille a' chearc-fhraoich as motha air an t-saoghal. Tha na h-eòin fhireann a' fàs gu 4cg agus na h-eòin bhoireann gu mu 2cg. Tha an capall coille fireann dubh no dorcha glas agus tha na h-eòin bhoireannn donn le broilleach soilleir donn.

Chaidh an capall coille à bith ann an Alba anns an t-17mh linn ach chaidh an toirt a-steach a-rithist anns na 1830an às an t-Suain. Mu 1862 bha eadar 1000-2000 paidhir ann agus mu 1970 bhathas a' dèanamh dheth gun robh 20,000 eun ann. An-diugh chan eil air fhàgail ach mu 1000 eun air sgàth an atharrachaidh a thàinig air an aimsir, dòigh seilbh na talmhainn agus na beathaichean a bhios a' sealg.

'S e na coilltean giuthais àrainn nàdarra a' chapaill coille. Chan fhaicear tric iad, tha iad socharach, ach tha iad gu math fiadhaich ma thèid dràgh a chur orra.

Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'A Tour in Scotland' a sgrìobh Thomas Pennant

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Capall Coille

1760an

Capall Coille; eòin; cearc-fhraoich; coille; coille ghiuthais; frìth

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)