Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Chionn Droma
EXTERNAL ID
QZP40_352_FM_P001
ÀITE
Caisteal Chionn Droma
SGÌRE
Bealadair
DEIT
1780
LINN
1780an
CRUTHADAIR
C Cordiner
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31178
KEYWORDS
caistealan
Seumasaich
togalaichean
seisdean
feachdan
iarlan
Kildrummy Castle

Chaidh Caisteal Chionn Droma, faisg air Bealadair, a thogail anns an 13mh linn, 's dòcha le Iarla Mhàrr. Tha e ann an deagh shuidheachadh, os cionn rathaidean cudthromach anns an sgìre. Thadhail Eideard I air a' chaisteal, is thathar den bheachd gun tug e iasad den phrìomh chlachair aige a chum an taigh-geata a dhealbhadh, oir bha e coltach ri fear air caisteal Eideird ann an Harlech.

Chaidh an caisteal a losgadh ann an 1306 nuair a bha e fo smachd Shir Niall Brus, bràthair Raibeart Brus, an aghaidh na Sasannaich. Chaidh a chàradh is thug na Sasannaich ionnsaigh eile air ann an 1335. Ann an 1357 thugadh ionnsaigh eile air a' chaisteal, is fhuair Daibhidh II làmh an uachdar air Iarla Mhàrr, nach robh dìleas don rìgh. Ghabh Seumas I an caisteal thairis ann an 1435, 's e a' feuchainn ri smachd a chumail air na barain.

Bha na Seumasaich ann an Cionn Droma ann an aramach 1689 agus, ged a chaidh milleadh a dhèanamh air, chleachd Iain Erskine, Iarla Mhàrr, e mar champa nuair a thog e bratach nan Seumasach ann an 1715. An dèidh do na Seumasaich a bhith air an ruagadh, theich an t-Iarla dhan Fhraing, agus thrèig e an caisteal.

Ann an 1898, cheannaich Còirneal Seumas Ogden Cionn Droma, is thog e pàirt den chaisteal às ùr. An dèidh a bhàis, chaidh a thoirt dhan riaghaltas ann an 1951 is tha Alba Eachdraidheil a' coimhead as a dhèidh a-nis.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Antiquities and Scenery of the North of Scotland, in a series of letters to Thomas Pennant Esq', leis an Urr Teàrlach Cordiner, Ministear Chaibeil an Naomh Anndra, Banbh (1780)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Chionn Droma

1780an

caistealan; Seumasaich; togalaichean; seisdean; feachdan; iarlan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)