Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais na Manachainn
EXTERNAL ID
QZP40_352_FM_P002
ÀITE
Eaglais na Manachainn
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
DEIT
1780
LINN
1780an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31179
KEYWORDS
priories
monasteries
monks
creideamh
togalaichean
tobhtaichean
Beauly Priory

B' e Eaglais na Manachainn tè de thrì eaglaisean a stèidhich na Manaich Valliscaulian à Burgundy anns An Fhraing ann an Alba, an dèidh 1230. 'S e 'Prioratus de Bello Loco' (Eaglais an Àite Bhòidhich) a bh'aig na manaich oirre. Chaidh crìoch a chur oirre ann an 1272. Ann an 1430, ghearain Sir Ùisdean Friseal na Moroich ris a' Phàpa gun robh a' mhanachainn ann an droch staid air sgàth mì-riaghladh. Chaidh sgeama ath-thogail a chur an sàs a chum milleadh a chàradh. Ann an 1510 chaidh a' mhanachainn gu òrdugh nan Cistercian, ach chaidh sgur ga cleachdadh an dèidh an Ath-leasachaidh. Chaidh an luaidhe a thoirt as a' mhullach ann an 1582 is chaidh cuid de na clachan an cleachdadh a chum Daingneach Chrombail a thogail ann an Inbhir Nis ann an 1652.

Chaidh pàirt den eaglais ath-thogail leis an ailtire Alasdair Ros ann an 1901 mar thaigh-adhlacaidh airson teaghlach MhicCoinnich.

Tha Alba Eachdraidheil a' coimhead an dèidh na manachainn a-nis.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Antiquities and Scenery of the North of Scotland, in a series of letters to Thomas Pennant Esq', leis an Urr Teàrlach Cordiner, Ministear Chaibeil an Naomh Anndra, Banbh (1780)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais na Manachainn

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

1780an

priories; monasteries; monks; creideamh; togalaichean; tobhtaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)