Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clach Sheannduaig
EXTERNAL ID
QZP40_352_FM_P003
ÀITE
Seannduaig
SGÌRE
Manachainn Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: An Neag
DEIT
1780
LINN
1780an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31180
KEYWORDS
croisean
leacan-croise
Cruithnich
clachan Cruithneach
gràbhalaidhean
dealbhan
sgeadachaidhean
samhlaidhean
Shandwick Stone

Tha a' chlach Chruithneach aig Seannduaig, air a bheil Clach a' Charaidh, còrr is100 troigh (30 meatair) a dh'àirde.tha e air mullach cnuic a' coimhead thar baile Sheannduaig, faisg air Baile Dhubhthaich.

Tha crois air aon thaobh den chloich. Tha còig pannalan air an taobh eile. Am measg seo, tha sealladh drùiteach de shealg is pàtran iom-fhillte de nathraichean a' feuchainn ri na cuirp aca fhèin a bhìdeadh, coltach ri obair mheatailt ann am Breatainn is san Roinn Eòrpa on 8mh linn. Tha lann-dhùbailte os cionn beathach Cruithneach anns an roinn gu h-àrd.

'S e clach Chruithneach Clas II a th'anns a' chloich, a' ciallachadh gu bheil i air a gràbhaladh le crois air aon taobh is dealbhan Cruithneach air an taobh eile. 'S ann san 8mh san 9mh linn a chaidh clachan clas II a dhèanamh. Chaidh Clach Sheannduaig a leagail le gèile ann an 1846, ach chaidh a cur air ais is tha i a-nis ann am bogsa glainne far an robh i o thùs air a' chnoc.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Antiquities and Scenery of the North of Scotland, in a series of letters to Thomas Pennant Esq', leis an Urr Teàrlach Cordiner, Ministear Chaibeil an Naomh Anndra, Banbh (1780)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clach Sheannduaig

ROS: An Neag

1780an

croisean; leacan-croise; Cruithnich; clachan Cruithneach; gràbhalaidhean; dealbhan; sgeadachaidhean; samhlaidhean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)