Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caistealan Mhic na Ceàrdaich is Goirneag-Geòdh
EXTERNAL ID
QZP40_352_FM_P008
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
DEIT
1780
LINN
1780an
CRUTHADAIR
C Cordiner
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31185
KEYWORDS
castles
togalaichean
sgeirean
cinnidhean
Castle Sinclair Girnigoe

Thathar air eachdraidh na làraich seo ath-sgrìobhadh às dèidh rannsachaidh le Field Archaeology Specialists Ltd (FAS) aig Oilthigh York.

Bhathar a' creidsinn gun do thog Iarlan Ghallaibh dà chaisteal an seo: fear sa 15mh linn agus fear eile aig toiseach an t-17mh linn. Is e 'Caisteal Goirneag-Geòdh'' a bh' air a' phrìomh structar agus b' e 'Caisteal Mhic na Ceàrdaich' a bh' air an togalach eile. Bhathar den bheachd gun deach an dà chuid a sgrios le gunnaichean-mòra rè ionnsaigh ann an 1690.

A dh'aindeoin seo, tha rannsachadh FAS air dearbhadh nach robh ach aon chaisteal ann riamh. Chaidh tòiseachadh air an caisteal a thogail cho tràth ri deireadh a' 14mh linn agus bhathar air cur ris an togalach thar nam bliadhnaichean. Thogadh am pàirt mu dheireadh dhen chaisteal san t-17mh linn.

Ann an 1606, fhuair Iarla Ghallaibh Achd Pàrlamaid gus ainm a' chaisteil atharrachadh bho Chaiseal Goirneag-Geòdh gu Caisteal Mhic na Ceàrdaich ach bhiodh daoine fhathast a' cleachdadh an dà ainm. 'S ann mar thoradh air seo a bha mì-thuigse ann agus gun robhar den bheachd gun robh dà chaisteal ann.

Caisteal Mhic na Ceàrdaich Giornaigeò air fhosgladh don mhòr-shluagh an 1mh Lùnastail 2010 an dèidh pròiseict ath-thogail a sheas deich bliadhna, a' cosg £700,000. Tha dà earrann eile air am planadh a nì an togalach na phrìomh tharraing turasachd.

Tha an dealbh seo a' nochdadh anns an leabhar 'Antiquities and Scenery of the North of Scotland, in a series of letters to Thomas Pennant Esq.', leis an Urr Teàrlach Cordiner, Ministear Eaglais Naomh Anndrais, Banbh (1780)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caistealan Mhic na Ceàrdaich is Goirneag-Geòdh

GALLAIBH: Inbhir Ùige

1780an

castles; togalaichean; sgeirean; cinnidhean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)