Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhirlot
EXTERNAL ID
QZP40_352_FM_P009
ÀITE
Caisteal Dhirlot
SGÌRE
Taobh Siar Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Hacraig
DEIT
1780
LINN
1780an
CRUTHADAIR
C Cordiner
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31186
KEYWORDS
castles
togalaichean
aibhnichean
creagan
daingneachdan
uirsgeulan
Dirlot Castle

Chaidh Caisteal Dhirlot a thogail anns a' chiad leth den 14mh linn le Sir Reginald Cheyne. Ged a tha a' mhòr-chuid de chaistealan ann an Gallaibh air an oirthir, tha Caisteal Dhirlot mu 20 mìle a-staigh san tìr, ann am meadhan Dùthaich nan Sruth - boglach a tha a' gluasad fad na tìde.

Chaidh an caisteal a thogail air creig a tha ag èirigh faisg air 50 troigh (15 meatair) ann an Abhainn Inbhir Theòrsa. Tha a' chreag dlùth air lùb san abhainn ri taobh lochan domhainn far a bheil ionmhas air a dhìon le each-uisge fiadhaich, a rèir aithris.

B' e daingneachd bheag a bh'ann, 's dòcha airson beagan shaighdearan a chumail seach a bhith airson dìon. Bha an tùr mu 60 troigh a dh'àirde (18 meatair) le trì stòraidhean. Bha e air a chleachdadh le teaghlach Cheyne, na Gunnaich, teaghlach MhicAoidh is na Sutharlanaich, mus deach cùl a chur ris mu 1660. Bha clachan on togalach air an cleachdadh ann am pròiseactan eile san sgìre, mar balla a' chladh faisg air làimh.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Antiquities and Scenery of the North of Scotland, in a series of letters to Thomas Pennant Esq', leis an Urr Teàrlach Cordiner, Ministear Chaibeil an Naomh Anndra, Banbh (1780)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dhirlot

GALLAIBH: Hacraig

1780an

castles; togalaichean; aibhnichean; creagan; daingneachdan; uirsgeulan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)