Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dùn Deòrsa
EXTERNAL ID
QZP40_352_FM_P012
ÀITE
Dùn Deòrsa
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àird nan Saor
DEIT
1780
LINN
1780an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31189
KEYWORDS
dùin
taighean-feachd
feachdan
Seumasaich
saighdearean
armailteach
togalaichean
Fort George

Tha Dùn Deòrsa air rubha faisg air Aird nan Saor air Cuan Mhoireibh. Chaidh a thogail mar ghearastan airson feachd an riaghaltais a bha a' dol a chumail smachd air a' Ghaidhealtachd an dèidh Aramach nan Seumasach ann an 1745. 'S e Uilleam Skinner, Innleadair Armailteach an Rìgh airson Ceann a Tuath Bhreatainn, a dhealbh an dùn, is bha còir aige a bhith air làrach Daingneachd Chrombail ann an Inbhir Nis an toiseach. Nam biodh iad air a chur an sin, bhiodh Comhairle Inbhir Nis ag iarraidh airgead-dìolaidh air sgàth 's nach biodh cothrom aca an acarsaid a chleachdadh, 's mar sin choimhead Skinner airson àite eile. Bha còrr is 1,000 duine ag obair air an togalach airson 21 bhliadhna, is chosg e £200,000. Bha dùil gun cuireadh an dùn stad air a' Ghaidhealtachd o bhith a' tagradh airson crùn Bhreatainn agus air na Seumasaich. Nuair a chaidh a chrìochnachadh, fadalach is thar a' bhuidseat aige, cha robh cunnart ann tuilleadh.

'S e taigh-feachd a th'ann an Dùn Deòrsa fhathast, is cha deach peilear a losgadh ann no air ann an cogadh a-riamh.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Antiquities and Scenery of the North of Scotland, in a series of letters to Thomas Pennant Esq', leis an Urr Teàrlach Cordiner, Ministear Chaibeil an Naomh Anndra, Banbh (1780)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dùn Deòrsa

INBHIR NIS: Àird nan Saor

1780an

dùin; taighean-feachd; feachdan; Seumasaich; saighdearean; armailteach; togalaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Tha Dùn Deòrsa air rubha faisg air Aird nan Saor air Cuan Mhoireibh. Chaidh a thogail mar ghearastan airson feachd an riaghaltais a bha a' dol a chumail smachd air a' Ghaidhealtachd an dèidh Aramach nan Seumasach ann an 1745. 'S e Uilleam Skinner, Innleadair Armailteach an Rìgh airson Ceann a Tuath Bhreatainn, a dhealbh an dùn, is bha còir aige a bhith air làrach Daingneachd Chrombail ann an Inbhir Nis an toiseach. Nam biodh iad air a chur an sin, bhiodh Comhairle Inbhir Nis ag iarraidh airgead-dìolaidh air sgàth 's nach biodh cothrom aca an acarsaid a chleachdadh, 's mar sin choimhead Skinner airson àite eile. Bha còrr is 1,000 duine ag obair air an togalach airson 21 bhliadhna, is chosg e £200,000. Bha dùil gun cuireadh an dùn stad air a' Ghaidhealtachd o bhith a' tagradh airson crùn Bhreatainn agus air na Seumasaich. Nuair a chaidh a chrìochnachadh, fadalach is thar a' bhuidseat aige, cha robh cunnart ann tuilleadh.<br /> <br /> 'S e taigh-feachd a th'ann an Dùn Deòrsa fhathast, is cha deach peilear a losgadh ann no air ann an cogadh a-riamh.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Antiquities and Scenery of the North of Scotland, in a series of letters to Thomas Pennant Esq', leis an Urr Teàrlach Cordiner, Ministear Chaibeil an Naomh Anndra, Banbh (1780)