- TIOTAL
- Coimisean Rathaidean is Drochaidean na Gàidhealtachd, 9mh Aithisg, 1821, Duilleag mapa
- EXTERNAL ID
- QZP40_388_2_P144A_MAP
- ÀITE
- Alba
- LINN
- 1810an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31196
- KEYWORDS
- Tòmas Telford
Taisgeadan
rathaidean
drochaidean
còmhdhail
mapaichean
zoomable
Ann an 1802, dh'iarr Morairean an Taisgeadain (Ionmhas an Riaghaltais) air Tòmas Telford sgrùdadh a dhèanamh air leth-a-staigh na Gàidhealtachd. Thug Telford dhaibh aithisg san ath bhliadhna. Thòisich seo siostam lagha a dh'fhosgail a' Ghàidhealtachd is a leasaich co-luadar le pàirtean eile na dùthcha.
'S e prìomh phuingean na h-aithisg, co-luadar a leasachadh le rathaidean is drochaidean nas fheàrr, cruthachadh Amar-Uisge a' Ghlinn Mhòir (an Canàl Caledoniach), a' cur air adhart àitean iasgaireachd air na h-oirthirean sear is siar, coimhead ri adhbharan eilthireachd is dòighean gus a sguir, agus a' leasachadh co-obair eadar Breatainn is àitean an ceann a tuath Èirinn.
'S e toradh na h-aithisg seo togail Amar-Uisge a' Ghlinn Mhòir eadar An Gearasdan is Inbhir Nis, agus gu robh 920 mìle de rathaidean is 120 drochaid air togail air feadh na Gàidhealtachd taobh a-staigh 20 bliadhna.
Naoidheamh Aithisg Choimiseanairean Rathaidean is Drochaidean ann an Gàidhealtachd na h-Alba.
Pàipear-taice A. 'Mapa de dh'Alba, air a dhèanamh le stuthan tùsail, a chaidh fhaighinn le Coimiseanaran na Pàrlamaid airson Rathaidean is Drochaidean na Gàidhealtachd, a' sealltainn nan Rathaidean, nan Drochaidean is nan Acarsaidean air an dèanamh,air an càradh, no air an leasachadh leotha. 1821'