Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Iomairt An t-Seanalair Mhonck anns a' Ghàidhealtachd, 1654
EXTERNAL ID
QZP40_430_P003
ÀITE
Central Highlands
LINN
1650an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31214
KEYWORDS
Manach
dùin
gearastain
Cùmhnant, Dìonachd, Oilibhear Cromwell
zoomable
deilbh leudachail

Tha am map seo a' sealltainn nan slighean a ghabh arm Chromwell, fo smachd an t-Seanalair Seòras Monck agus Am Maidsear-Seanalair Tòmas Morgan, an aghaidh nam feachdan Rìoghail a bha dìleas do Theàrlach II.

Bha beatha-obrach airm air leth aig Seòras Monck, no Monk, (1608-1670) agus bha e a' sabaid air an dà thaobh anns a' Chogadh Shìobhalta - do Theàrlach I an aghaidh nan Cùmhnantach ann an Alba agus nan Confederatan ann an Èirinn, agus mar cheannard air feachdan na Pàrlamaid ann an Ulaidh agus mar àrd-cheannard do Chromwell ann an Alba.

Thòisich e na àrd-cheannard ann an Alba airson an dàrna turas anns a' Ghiblean 1654 gus feuchainn ri buaidh fhaighinn air a' Mhorair Middleton, an ceannard aig Teàrlach II air a' Ghàidhealtachd, aig an robh 8000 sàighdear fo a smachd. Stèidhich Monck e fhèin ann an Dail Cheith agus, an dèidh barrachd shàighdearan, barrachd longan agus barrachd airgid fhaighinn, thòisich e air ionnsaigh anns an Ògmhios. Sgar e arm na dhà leth, aon air an robh e fhèin na cheannard, agus am leth eile fo smachd an Àrd-sheanalair Tòmas Morgan. Ruaig arm Mhonck an nàimhdean air ais gu Loch Garraidh far an robh Morgan a' feitheamh orra. Chaidh buaidh fhaighinn air Middleton agus mar sin cha deach aige air barrachd air beagan cheudan de dhaoine fhaighinn airson fheachd fhèin.

Thug Monck agus Morgan fìor dhroch bhuaidh air a' Ghàidhealtachd, 's iad a' losgadh bhailtean, a' cur chìsean air athraichean a leig le am mic sabaid agus bha iad a' toirt dhuaisean seachad airson taic a gheibheadh iad ann a bhith a' faighinn greim air ceannardan Rìoghalach. Stèidhich e lìonradh brathaidh a chuir bacadh air a nàimhdean bho bhith ag èirigh suas agus a' tighinn gu aonta. Cuideachd, chuir e crìoch air togail nan dùn aig Inbhir Lòchaidh, Inbhir Nis, Peairt agus Lìte a chuidich e gus sìth a chumail.

An dèidh bàs Chromwell, thug e a thaic do Rìgh Teàrlach II (1630-85) agus chaidh ainm na rèiseamaid aige atharrachadh gu Coldstream Guards. An dèidh an crùn fhaighinn air ais, dh'ainmich Teàrlach Monck mar Dhiùc Albemarle. Tha e air a thiodhlaiceadh ann an Abaid Westminster.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Iomairt An t-Seanalair Mhonck anns a' Ghàidhealtachd, 1654

1650an

Manach; dùin; gearastain; Cùmhnant, Dìonachd, Oilibhear Cromwell; zoomable; deilbh leudachail