Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taobh a-staigh cathair-eaglais na Cananaich, an t-Eilean Dubh
EXTERNAL ID
QZP40_458_P017
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
1885
LINN
1880an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31221
KEYWORDS
Cathair-eaglais na Cananaich
Aonghas Peutan
an t-Eilean Dubh
An t-Ath-Leasachadh
ban-iarla Rois
Madadh Bhàideanach
Clann 'ic Coinnich Shìophoirt
Interior of Fortrose Cathedral, Black Isle

'S e taobh a staigh Cathair-eaglais na cananaich a tha anns an dealbh seo. Chaidh a thoirt à leabhar le Aonghas J Peutan, 'Illustrated Guide to Fortrose and Vicinity, with an appendix on the Antiquities of the Black Isle', a chaidh fhoillseachadh ann an Inbhir Nis ann an 1885.

Stèidhich an t-Easbaig Raibeart a' chathair-eaglais anns an 13mh linn, an dèidh do dh'Easbaig Rois gluasad ann à Ros Mhaircnidh. Sguir an togail aig àm Cogadh na Saorsa 's chaidh tòiseachadh a-rithist aig deireadh a' 14mh linn. Bha an togalach ann an droch staid an dèidh an Ath-leasachaidh. Thug Oilbhreis Crombail leis cuid den chloich dheirg à seo airson gearastan a thogail ann an Inbhir Nis. Thug muinntir a' bhaile leotha an còrr airson an dachaighean a thogail. Chan eil air fhàgail an-diugh ach an trannsa a deas den eaglais agus ciste naomh faisg air làimh.

Anns na trannsaichean tha trì uaighean: Oighrig, ban-iarla Rois, chaidh toirt oirre Alasdair S Stiùbhart, Madadh-allaidh Bhàideanaich a phòsadh, Easbaig Raibeart Cairncross, a bhàsaich ann an 1545, agus an t-Easbaig Iain Friseal a bhàsaich ann an 1507.

Tha iomadh leac marmor eile a' cuimhneachadh teaghlach Chlann' ic Coinnich Shìophoirt agus chaidh carragh a thogail mu 1800, don fhear-uasal Alasdair MacCoinnich à Cùil

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taobh a-staigh cathair-eaglais na Cananaich, an t-Eilean Dubh

ROS: Ros Mhaircnidh

1880an

Cathair-eaglais na Cananaich; Aonghas Peutan; an t-Eilean Dubh; An t-Ath-Leasachadh;ban-iarla Rois; Madadh Bhàideanach; Clann 'ic Coinnich Shìophoirt

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)