Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leac-chroise Chruithneach a chaidh a lorg aig Eaglais Ros Maircnidh
EXTERNAL ID
QZP40_458_P051
ÀITE
Ros Mhaircnidh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
1885
LINN
8l; 9l
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31232
KEYWORDS
leacan Cruithneach
Cruithnich
Piocaich
Pictish cross-slab found at Rosemarkie Church

Tha an dealbh seo a' sealltainn dà thaobh leac-chroise Chruithneach le ìomhaighean oirre a chaidh a lorg fo làr na sean eaglaise aig Ros Mhaircnidh. Chaidh an leac a snaidheadh anns an 8mh no an 9mh linn. Am measg nan ìomhaighean tha corrain (air cumadh caol-ghealaich) is slatan-v, cearcall dùbailte is slat-z, agus dà sgàthan is cìr. Bha an leac ri fhaicinn taobh a-muigh na h-eaglaise fad iomadh bliadhna, ach chaidh a chur a-steach ann an 1978 gus a dhìon on aimsir. Chithear an-diugh e ann an Taigh-tasgaidh Ghroam ann an Ros Mhaircnidh.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Illustrated Guide to Fortrose and Vicinity, with an appendix on the Antiquities of the Black Isle', le Aonghas J Peutan, air fhoillseachadh ann an Inbhir Nis ann an 1885

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leac-chroise Chruithneach a chaidh a lorg aig Eaglais Ros Maircnidh

ROS: Ros Mhaircnidh

8l; 9l

leacan Cruithneach; Cruithnich; Piocaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Tha an dealbh seo a' sealltainn dà thaobh leac-chroise Chruithneach le ìomhaighean oirre a chaidh a lorg fo làr na sean eaglaise aig Ros Mhaircnidh. Chaidh an leac a snaidheadh anns an 8mh no an 9mh linn. Am measg nan ìomhaighean tha corrain (air cumadh caol-ghealaich) is slatan-v, cearcall dùbailte is slat-z, agus dà sgàthan is cìr. Bha an leac ri fhaicinn taobh a-muigh na h-eaglaise fad iomadh bliadhna, ach chaidh a chur a-steach ann an 1978 gus a dhìon on aimsir. Chithear an-diugh e ann an Taigh-tasgaidh Ghroam ann an Ros Mhaircnidh.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Illustrated Guide to Fortrose and Vicinity, with an appendix on the Antiquities of the Black Isle', le Aonghas J Peutan, air fhoillseachadh ann an Inbhir Nis ann an 1885