Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Morair MacAoidh is a' Bhaintighearna , mu 1897
EXTERNAL ID
QZP40_467_P001
DEIT
1897
CRUTHADAIR
Rev Adam Gunn, MA & John Mackay (eds)
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31234
KEYWORDS
moraireachd
tìreachasan
daoine ainmeil
cinn-cinnidhean
Lord and Lady Reay, c.1897

Thàinig Dòmhnall Seumas MacAoidh gu bhith na 11mh Morair Reay, Ceannard Chloinn 'ic Aoidh, ann an 1876. Fhuair e an tiotal Ridire Reay à Diùranais ann an 1881 is bha e na bhall de Thaigh nam Morairean. Bha àite cudromach aige ann am beatha phoblach an dèidh sin.

Chaidh a dhèanamh na Riaghladair air Bombay (1885-90), Fo-Rùnaire na Stàite airson nan Innseachan (1894-95) is Cathraiche Bòrd Sgoile Lunnainn (1897-1904). B' e Morair-ionaid a' Chrùin airson Siorrachd Rosbroig is Ceann-sgoile Oilthigh Chill Rìmhinn cuideachd. Bha dreuchdan ainmeil eile aige cuideachd, mar Ceannard Cholaiste na h-Oilthigh, Lunnainn, is an Comann Rìoghail Asiatic, is b' e a' chiad Cheannard air Acadamaidh Bhreatainn. Bhàsaich e ann an 1921 is thàinig a cho-ogha, an Ridire Eric MacAoidh, a bha a' fuireach ann an Arnhem, An Òlaind, as a dhèidh.

Bha tiotal chlann 'ic Aoidh air a dhol gu Clann 'ic Aoidh na h-Òlaind, a bha fad às ann an càirdeas, nuair a bhàsaich an 9mh Morair Reay ann an 1875. Thàinig Æneas MacAoidh, Baran van Opermet, gu bhith na 10mh Morair Reay. Bhàsaich esan ann an 1876 is chaidh an tiotal gu a mhac, Dòmhnall Seumas, a chithear an seo.

Tha an dealbh seo air a thoirt o 'Sutherland and the Reay Country', air a dheasachadh leis an Urr Adhamh Guinne is Iain MacAoidh, 1897

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Morair MacAoidh is a' Bhaintighearna , mu 1897

moraireachd; tìreachasan; daoine ainmeil; cinn-cinnidhean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)