Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Urramach Raibeart Rothach
EXTERNAL ID
QZP40_467_P086
DEIT
1897
LINN
1890an
CRUTHADAIR
Rev Adam Gunn, MA & John Mackay (eds)
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31238
KEYWORDS
sgoilearan
clèirich
The Reverend Robert Munro

Rugadh an t-Urr Raibeart Rothach ann an Srath Nabhair air 26mh Giblean 1853 is chaidh e gu Sgoil An t-Srathaidh, a bha faisg air làimh. Lean e fhoghlam aig Oilthigh Chill Rìmhinn, far an d'fhuair e B.D. is M.A., is a' Cholaiste Ùr, Dùn Èideann. Chaidh a shuidheachadh mar mhinistear na h-Eaglaise Shaoir ann an Cill Phàdraig, Siorrachd Dhùn Bhreatainn, ann an 1878.

A thuilleadh air an obair sgìreil aige, choisinn e iomadh duais airson rannsachadh ann an diadhachd, feallsanachd, corp-eòlas, beul-aithris is litreachas. Dh'fhoillsich e iomadh aiste air na cuspairean seo ann an irisean mar 'Encyclopedia Britannia', 'The Celtic Monthly', 'The National Observer' is 'The Illustrated London News'. Chaidh a thaghadh mar Chompanach den Chomann Rìoghail, Dùn Èideann, Companach de Chomann Àrsairean na h-Alba agus mar bhall den Mhaoin Litreachail Rìoghail, Lunnainn.

Bha a shinnsearachd o Rothaich Fhoghlais is am meur Abrach de Chlann 'ic Aoidh, is bha ùidh mhòr aige ann an Gallaibh, far an do rugadh is a thogadh e. Tha an dealbh seo air a toirt o 'Sutherland and the Reay Country', air a dheasachadh leis an Urr Adhamh Guinne is Iain MacAoidh, 1897. Sgrìobh an t-Urr Rothach a' chaibideil 'The Antiquities of Sutherland' san leabhar

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Urramach Raibeart Rothach

1890an

sgoilearan; clèirich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Rugadh an t-Urr Raibeart Rothach ann an Srath Nabhair air 26mh Giblean 1853 is chaidh e gu Sgoil An t-Srathaidh, a bha faisg air làimh. Lean e fhoghlam aig Oilthigh Chill Rìmhinn, far an d'fhuair e B.D. is M.A., is a' Cholaiste Ùr, Dùn Èideann. Chaidh a shuidheachadh mar mhinistear na h-Eaglaise Shaoir ann an Cill Phàdraig, Siorrachd Dhùn Bhreatainn, ann an 1878.<br /> <br /> A thuilleadh air an obair sgìreil aige, choisinn e iomadh duais airson rannsachadh ann an diadhachd, feallsanachd, corp-eòlas, beul-aithris is litreachas. Dh'fhoillsich e iomadh aiste air na cuspairean seo ann an irisean mar 'Encyclopedia Britannia', 'The Celtic Monthly', 'The National Observer' is 'The Illustrated London News'. Chaidh a thaghadh mar Chompanach den Chomann Rìoghail, Dùn Èideann, Companach de Chomann Àrsairean na h-Alba agus mar bhall den Mhaoin Litreachail Rìoghail, Lunnainn.<br /> <br /> Bha a shinnsearachd o Rothaich Fhoghlais is am meur Abrach de Chlann 'ic Aoidh, is bha ùidh mhòr aige ann an Gallaibh, far an do rugadh is a thogadh e. Tha an dealbh seo air a toirt o 'Sutherland and the Reay Country', air a dheasachadh leis an Urr Adhamh Guinne is Iain MacAoidh, 1897. Sgrìobh an t-Urr Rothach a' chaibideil 'The Antiquities of Sutherland' san leabhar