Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dathan Rèisimeid MhicAoidh ann an seirbheis na h-Òlaind
EXTERNAL ID
QZP40_467_P188
DEIT
1897
CRUTHADAIR
Rev Adam Gunn, MA & John Mackay (eds)
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31247
KEYWORDS
Aramach Seumasach
aramach
Colours of Mackay's Regiment in the service of Holland

Suas gu anmoch san 18mh linn, bha e cumanta ainm a' chòirneil a thoirt air rèisimeid. Thòisich Ùisdean MacAoidh Sgobhairigh (mu 1640-1692) a chùrsa-beatha saighdearach nuair a bha e beagan is 20 bliadhna a dh'aois nuair a chaidh e gu rèismeid Dhùbhghlais (Dhùn Bhreatainn) de dh'arm Shasainn. Nuair a thug Teàrlach II an rèismeid do Loius XIV air iasad, chaidh Ùisdean dhan Fhraing cuideachd. Ged a b' e an t-oighre air oighreachdan an teaghlaich an dèidh dha dhithis bhràithrean bu shine bàsachadh, lean e ann an seirbheis thall-thairis. Ann an 1672 bha e a' sabaid air taobh na Frainge nuair a thug iad ionnsaigh air An Òlaind ach, an dèidh dha Clara de Bie à Gelderland a phòsadh, dh'atharraich e inntinn is leig e dheth a dhreuchd gus a bhith na chaiptein ann an rèisimeid Albannach ann an arm na h-Òlaind. Bha e na Mhàidsear-Seanalair de Bhràgad Albannach ann an 1685 nuair a chaidh a ghairm a Shasainn gus stad a chur air aramach Dhiùc Mhonmouth, is bha e na Cheannard den Bhràgad ann an arm Uilleam à Orange a thàinig a Bhreatainn ann an 1688.

Chaidh ceanglaichean Chlann 'ic Aoidh ris an rèisimeid seo a dhaingneachadh nuair a dh'iarr an Seanalair MacAoidh air uaislean Pròstanach Chataibh, Morair Reay is Morair Shrath Nabhair, saighdearan is buill-airm a thoirt dha gus stad a chur air a' chiad aramach Seumasach fo stiùir Greumach Chlaverhouse. Chaidh dà bhuidheann le 200 de dh'fhir Chlann Ic Aoidh, fo stiùir Chaiptean Uilleam MacAoidh à Ceann Loch is Caiptean Ùisdean MacAoidh à Borley, a chur gu Inbhir Nis is Siorrachd Pheairt. Bha saighdearan Morair Shrath Nabhair ann an Inbhir Nis is Eilginn.

Tha an dealbh seo air a toirt o 'Sutherland and the Reay Country', air a dheasachadh leis an Urr Adhamh Guinneis Iain MacAoidh, 1897

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dathan Rèisimeid MhicAoidh ann an seirbheis na h-Òlaind

Aramach Seumasach; aramach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Suas gu anmoch san 18mh linn, bha e cumanta ainm a' chòirneil a thoirt air rèisimeid. Thòisich Ùisdean MacAoidh Sgobhairigh (mu 1640-1692) a chùrsa-beatha saighdearach nuair a bha e beagan is 20 bliadhna a dh'aois nuair a chaidh e gu rèismeid Dhùbhghlais (Dhùn Bhreatainn) de dh'arm Shasainn. Nuair a thug Teàrlach II an rèismeid do Loius XIV air iasad, chaidh Ùisdean dhan Fhraing cuideachd. Ged a b' e an t-oighre air oighreachdan an teaghlaich an dèidh dha dhithis bhràithrean bu shine bàsachadh, lean e ann an seirbheis thall-thairis. Ann an 1672 bha e a' sabaid air taobh na Frainge nuair a thug iad ionnsaigh air An Òlaind ach, an dèidh dha Clara de Bie à Gelderland a phòsadh, dh'atharraich e inntinn is leig e dheth a dhreuchd gus a bhith na chaiptein ann an rèisimeid Albannach ann an arm na h-Òlaind. Bha e na Mhàidsear-Seanalair de Bhràgad Albannach ann an 1685 nuair a chaidh a ghairm a Shasainn gus stad a chur air aramach Dhiùc Mhonmouth, is bha e na Cheannard den Bhràgad ann an arm Uilleam à Orange a thàinig a Bhreatainn ann an 1688.<br /> <br /> Chaidh ceanglaichean Chlann 'ic Aoidh ris an rèisimeid seo a dhaingneachadh nuair a dh'iarr an Seanalair MacAoidh air uaislean Pròstanach Chataibh, Morair Reay is Morair Shrath Nabhair, saighdearan is buill-airm a thoirt dha gus stad a chur air a' chiad aramach Seumasach fo stiùir Greumach Chlaverhouse. Chaidh dà bhuidheann le 200 de dh'fhir Chlann Ic Aoidh, fo stiùir Chaiptean Uilleam MacAoidh à Ceann Loch is Caiptean Ùisdean MacAoidh à Borley, a chur gu Inbhir Nis is Siorrachd Pheairt. Bha saighdearan Morair Shrath Nabhair ann an Inbhir Nis is Eilginn.<br /> <br /> Tha an dealbh seo air a toirt o 'Sutherland and the Reay Country', air a dheasachadh leis an Urr Adhamh Guinneis Iain MacAoidh, 1897