Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dathan Dìon-fheachd Dùthaich MhicAoidh
EXTERNAL ID
QZP40_467_P233
DEIT
1897
LINN
1790an
CRUTHADAIR
Rev Adam Gunn, MA & John Mackay (eds)
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31248
KEYWORDS
rèisimeidean
brataichean
flagaichean
Colours of the Reay Fencibles

'S e aon de cheithir Rèisimeidean Dìon-fheachd Chataibh, a chaidh a thogail anns an 18mh linn, a bh'ann an Dìon-fheachd Dùthaich MhicAoidh (Reay Fencibles). 'S e muinntir Chlann MhicAoidh a bh'anns a' mhòr-chuid de bhuill na rèisimeid.

Chaidh Dìon-fheachd Dùthaich 'icAoidh a stèidheachadh ann an 1795, agus Tighearna Mheaghrath, Ceannard Clann 'ic Aoidh aig an àm, nan ceann. B'fheudar dha na Rèisimeidean Dìon-fheachd a bhith ann an seirbheis am Breatainn is an Èirinn a-mhàin, agus chaidh na Meaghrathaich a chuir gu Bail'-Ath-Cliath ann an 1798 gus cuideachadh aramach a chasg. Chaidh an rèisimeid a leigeil fa sgaoil ann an 1802.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Sutherland and the Reay Country', air deasachadh leis an Urr Adhamh Gunnach is Iain MacAoidh, 1897

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dathan Dìon-fheachd Dùthaich MhicAoidh

1790an

rèisimeidean; brataichean; flagaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

'S e aon de cheithir Rèisimeidean Dìon-fheachd Chataibh, a chaidh a thogail anns an 18mh linn, a bh'ann an Dìon-fheachd Dùthaich MhicAoidh (Reay Fencibles). 'S e muinntir Chlann MhicAoidh a bh'anns a' mhòr-chuid de bhuill na rèisimeid.<br /> <br /> Chaidh Dìon-fheachd Dùthaich 'icAoidh a stèidheachadh ann an 1795, agus Tighearna Mheaghrath, Ceannard Clann 'ic Aoidh aig an àm, nan ceann. B'fheudar dha na Rèisimeidean Dìon-fheachd a bhith ann an seirbheis am Breatainn is an Èirinn a-mhàin, agus chaidh na Meaghrathaich a chuir gu Bail'-Ath-Cliath ann an 1798 gus cuideachadh aramach a chasg. Chaidh an rèisimeid a leigeil fa sgaoil ann an 1802.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Sutherland and the Reay Country', air deasachadh leis an Urr Adhamh Gunnach is Iain MacAoidh, 1897