- TIOTAL
- Seanalair Sir Iain Ewart, 93mh de Ghàidheil Chataibh
- EXTERNAL ID
- QZP40_467_P234
- DEIT
- 1897
- LINN
- 1890an
- CRUTHADAIR
- Rev Adam Gunn, MA & John Mackay (eds)
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31249
- KEYWORDS
- rèisimeadan

Chaidh an 93mh de Ghàidheil Chataibh a stèidheachadh ann an 1799 le buill o Dhìon-fheachd Chataibh a chaidh a leigeil fa sgaoil agus le luchd-màil Ban-iarla Chataibh. Fad 80 bliadhna rinn an rèisimeid sabaid le cliù ann an Afraga a Deas, sna Stàitean Aonaichte, sa Chrimea is anns Na h-Innseachan. Ri linn an Aramach Innseanach, ghabh an rèisimeid pàirt ann am fuasgladh Lucknow, far an do choisinn iad sia Croisean Bhioctoria ann an aon là, fo stiùir Chòirneil Iain Ewart. Chaidh an rèisimeid an cur còmhla ris an 91mh de Ghàidheil Earra-ghàidheil ann an 1881 leis an ainm ùr, Gàidheil Earra-ghàidheil is Chataibh.
Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Sutherland and the Reay Country', air deasachadh leis an Urr Adhamh Gunnach is Iain MacAoidh, 1897