Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Iain MacAoidh, C.E., J.P., Hereford
EXTERNAL ID
QZP40_467_P284
DEIT
1897
CRUTHADAIR
Rev Adam Gunn, MA & John Mackay (eds)
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31255
KEYWORDS
fuadaichean
Ùghdarras nan Croitearan
John Mackay, C.E., J.P., Hereford

Bha Iain MacAoidh à Raoghard, Cataibh, is bha e on teaghlach Abrach de Chlann 'ic Aoidh. Fhuair e foghlam san sgìre sin fhèin is bha e comasach ann an Laideann, Greugais is Gàidhlig, a bha toirmisgte aig an àm. Nuair a bha e 20, chaidh e a dh'obair san Fhraing, a' togail siostam rèile, is nuair a bha e 24 bha e na stiùireadair air pàirt de loidhne Dieppe. Thill e a Bhreatainn ann an 1848 is bha e na fho-chunnradair, a' togail loidhne air Rèile Mòr a chinn a Tuath. Rinn e tuilleadh obair innleadaireachd an dèidh seo, aig an taigh is thall-thairis, mar Rèile Shrewsbury is Hereford agus Rèile Sambre is Meuse sa Bheilg.

A dh'aindeoin na bha e a' dèanamh de shiubhal aige, ghabh e a h-uile cothrom tilleadh a Chataibh is bha e a' cumail suas ri suidheachadh sòisealta is eaconamach na sgìre. Ann an 1883 thug e teisteanas aig Coimisean Croitearachd Napier, far an tug e seachad cunntasan fhianaisean mu fhuadaichean Chataibh. Bha na cunntasan seo sgrìobhte ann an Gàidhlig, air an eadar-theangachadh gu Beurla is air an leughadh anns gach cànan an làthair fhianaisean a dhearbh gun robh iad fìor is a thuig an dà chànan.

Ann an 1890, bhruidhinn e aig Coimisean Acarsaid na Gaidhealtachd is nan Eilean, a thog cidheachan is acarsaidean san sgìre an dèidh làimh. Rinn e iomadh òraid mu ainmean-àite Chataibh aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis is bha e ann an dreuchd àrd sa Chomann Ghàidhealach, Comann Gàidhlig Lunnainn is Comann Chlann 'ic Aoidh. Bha e na Shìth-bhreitheamh ann an Siorrachd Hereford cuideachd.

Tha an dealbh seo air a toirt o 'Sutherland and the Reay Country', air a dheasachadh leis an Urr Adhamh Guinneis Iain MacAoidh, 1897. Tha aiste le Iain MacAoidh san leabhar

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Iain MacAoidh, C.E., J.P., Hereford

fuadaichean; Ùghdarras nan Croitearan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)