Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Urramach Seumas Aberigh-MacAoidh
EXTERNAL ID
QZP40_467_P382
DEIT
1897
LINN
1890an
CRUTHADAIR
Rev Adam Gunn, MA & John Mackay (eds)
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31265
KEYWORDS
Seumas Aberigh-MacAoidh
Clann MhicAoidh Shrath Nabhair
Clann 'ic Aoidh
Caibeal an Naoimh Eoin
Ar-a-mach Innseanach
9mh Lannsairean
8mh Eachraidh Bhengal
ceann cinnidh
Cataibh
The Reverend James Aberigh-Mackay

Rugadh an t-Urramach Seumas Aberigh-MacAoidh ann an Inbhir Nis ann an 1820, is thàinig e gu bhith na cheannard air Clann MhicAoidh Shrath Nabhair. An dèidh dha crìochnachadh aig Oilthigh Obar Dheathain, chuir e seachad bliadhnaichean anns Na Stàitean Aonaichte mus do thill e a dh'Inbhir Nis, far an d'fhritheil e ann an Caibeal an Naoimh Eòin.

Chaidh e gu Na h-Innseachan ann an 1857 is ghabh e pàirt anns an Ar-a-mach Innseanach. Bha e a' sabaid còmhla ris an rèisimeid, an 9mh Lannsairean, is fhritheil e aig Penang, Meerut, Simla is Calcutta. An dèidh 18 bliadhna ann an seirbhis, thill a gu Breatann is chum e air a' frithealadh aig an taigh is thall-thairis. Bha a mhac a bu shine, Seumas L Aberigh-MacAoidh, na Fho-cheannard Còirneal anns an 8mh Eachraidh Bhengal, is bha e air aithneachadh mar fhear de na prìomh oifigearan eachraidh anns an arm Bhreatannach.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Sutherland and the Reay Country', deasaichte leis an Urr Adhamh Gunnach & Iain MacAoidh, 1897

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Urramach Seumas Aberigh-MacAoidh

1890an

Seumas Aberigh-MacAoidh; Clann MhicAoidh Shrath Nabhair; Clann 'ic Aoidh; Caibeal an Naoimh Eoin; Ar-a-mach Innseanach; 9mh Lannsairean; 8mh Eachraidh Bhengal; ceann cinnidh; Cataibh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Rugadh an t-Urramach Seumas Aberigh-MacAoidh ann an Inbhir Nis ann an 1820, is thàinig e gu bhith na cheannard air Clann MhicAoidh Shrath Nabhair. An dèidh dha crìochnachadh aig Oilthigh Obar Dheathain, chuir e seachad bliadhnaichean anns Na Stàitean Aonaichte mus do thill e a dh'Inbhir Nis, far an d'fhritheil e ann an Caibeal an Naoimh Eòin.<br /> <br /> Chaidh e gu Na h-Innseachan ann an 1857 is ghabh e pàirt anns an Ar-a-mach Innseanach. Bha e a' sabaid còmhla ris an rèisimeid, an 9mh Lannsairean, is fhritheil e aig Penang, Meerut, Simla is Calcutta. An dèidh 18 bliadhna ann an seirbhis, thill a gu Breatann is chum e air a' frithealadh aig an taigh is thall-thairis. Bha a mhac a bu shine, Seumas L Aberigh-MacAoidh, na Fho-cheannard Còirneal anns an 8mh Eachraidh Bhengal, is bha e air aithneachadh mar fhear de na prìomh oifigearan eachraidh anns an arm Bhreatannach.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Sutherland and the Reay Country', deasaichte leis an Urr Adhamh Gunnach & Iain MacAoidh, 1897