Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Lorgan-coise Chaluim Cille, faisg air Cladh Eaglais na Cille, Cinn Tìre
EXTERNAL ID
QZP40_468_P023
ÀITE
A' Chill
SGÌRE
Cinn Tìre
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: An Ceann mu Dheas
DEIT
1902
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31267
KEYWORDS
Calum Cille
A' Chill
Cinntìre
miseanaraidhean
Albannaich Dhail Riata
Naomh Chomgall
Naomh Chanas
Rìgh Brùide
Alba
manachainnean
Footprints of St. Columba, near Keil Churchyard, Kintyre

Chaidh an dealbh seo a thoirt bho "Argyll's Highlands" le Cuthbert Bede. Tha e a' sealltainn dealbh de rud ris an canar lorgan-coise Chaluim Cille, bho 564 A.D., faisg air Cladh Eaglais na Cille, far na shearmonaich am misionairidh.

Rugadh Calum Cille aig Gartain, Dùn nan Gall, Eirinn, air 7mh Dùbhlachd 521. Aig aois 42, thàinig e fhèin agus 12 chompanach thairis air a' mhuir agus thàinig iad air tìr aig Eilean Ì air 12mh Cèitein 563. An dèidh grunn bhliadhnaichean a chur seachad a-measg Albannaich Dhail Riata, thòisich Calum Cille air obair a bheatha: iompachadh nan Cruithnich, neo Piocaich, a' Chinn a Tuath gu Crìosdaidheachd.

Còmhla ris an Naomh Chomgall agus an Naomh Canas, shoirbhich leis air an Rìgh Brùide iompachadh aig an dachaigh rìoghail aige faisg air Inbhir Nis. Lean daoine Bhrùide gu luath ri eisimpleir agus, am measg mòran spàirn na aghaidh bho luchd-leantail an t-sean chreideimh, sgaoil Crìosdaidheachd air feadh Alba air fad. An dèidh beatha a' searmonachadh an t-soisgeil, bhàsaich Calum Cille aig manachainn Eilean Ì air 9mh Ògmhios 597

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Lorgan-coise Chaluim Cille, faisg air Cladh Eaglais na Cille, Cinn Tìre

EARRA-GHÀIDHEAL: An Ceann mu Dheas

Calum Cille; A' Chill; Cinntìre; miseanaraidhean; Albannaich Dhail Riata; Naomh Chomgall; Naomh Chanas; Rìgh Brùide; Alba; manachainnean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (photographs)

Chaidh an dealbh seo a thoirt bho "Argyll's Highlands" le Cuthbert Bede. Tha e a' sealltainn dealbh de rud ris an canar lorgan-coise Chaluim Cille, bho 564 A.D., faisg air Cladh Eaglais na Cille, far na shearmonaich am misionairidh.<br /> <br /> Rugadh Calum Cille aig Gartain, Dùn nan Gall, Eirinn, air 7mh Dùbhlachd 521. Aig aois 42, thàinig e fhèin agus 12 chompanach thairis air a' mhuir agus thàinig iad air tìr aig Eilean Ì air 12mh Cèitein 563. An dèidh grunn bhliadhnaichean a chur seachad a-measg Albannaich Dhail Riata, thòisich Calum Cille air obair a bheatha: iompachadh nan Cruithnich, neo Piocaich, a' Chinn a Tuath gu Crìosdaidheachd. <br /> <br /> Còmhla ris an Naomh Chomgall agus an Naomh Canas, shoirbhich leis air an Rìgh Brùide iompachadh aig an dachaigh rìoghail aige faisg air Inbhir Nis. Lean daoine Bhrùide gu luath ri eisimpleir agus, am measg mòran spàirn na aghaidh bho luchd-leantail an t-sean chreideimh, sgaoil Crìosdaidheachd air feadh Alba air fad. An dèidh beatha a' searmonachadh an t-soisgeil, bhàsaich Calum Cille aig manachainn Eilean Ì air 9mh Ògmhios 597