Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Croisean comraiche, Ìle
EXTERNAL ID
QZP40_468_P058
ÀITE
Ìle
SGÌRE
Ìle
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Daltan 's An Obha
DEIT
1906
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31272
KEYWORDS
croisean
eaglaisean
Cristian Crosses, Islay

Chaidh an dealbh seo a thogail o "Argyll's Highlands" le Cuthbert Bede. Tha e a' sealltainn chroisean Crìosdail ann an Ìle.

Tha Crois Chill Chomain sa mheadhan, crois on 14mh no on 15mh linn, a tha ra lorg faisg air seann eaglais paraiste Chill Comain. 'S e crois Chrìosdail nas aosta, 's dòcha on 8mh linn, a tha sa chrois air an taobh dheas. Tha i na seasamh sa chladh aig caibeal nam meadhan-linntean de Chill Nèimh, a' coimhead thairis air Loch Ghruineirt. Tha a' chrois air an taobh chlì a cheart cho aosta agus tha i na laighe san achadh air cùl seann eaglais Chill Chomain. 'S e seann stoidhle de chrois a th' innte air a bheil iad a' cur Crois na Comraich no 'Sanctuary Cross' agus 's dòcha gu robh i na pàirt de chlachan a' comharrachadh chrìochan ionad nam manaich ann an Cill Chomain. Gabhaidh croisean tràtha eile am faicinn aig Taigh-tasgaidh Bheatha Ìle ann am Port Sgioba (Port Charlotte).

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Croisean comraiche, Ìle

EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Daltan 's An Obha

1900an

croisean; eaglaisean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Chaidh an dealbh seo a thogail o "Argyll's Highlands" le Cuthbert Bede. Tha e a' sealltainn chroisean Crìosdail ann an Ìle. <br /> <br /> Tha Crois Chill Chomain sa mheadhan, crois on 14mh no on 15mh linn, a tha ra lorg faisg air seann eaglais paraiste Chill Comain. 'S e crois Chrìosdail nas aosta, 's dòcha on 8mh linn, a tha sa chrois air an taobh dheas. Tha i na seasamh sa chladh aig caibeal nam meadhan-linntean de Chill Nèimh, a' coimhead thairis air Loch Ghruineirt. Tha a' chrois air an taobh chlì a cheart cho aosta agus tha i na laighe san achadh air cùl seann eaglais Chill Chomain. 'S e seann stoidhle de chrois a th' innte air a bheil iad a' cur Crois na Comraich no 'Sanctuary Cross' agus 's dòcha gu robh i na pàirt de chlachan a' comharrachadh chrìochan ionad nam manaich ann an Cill Chomain. Gabhaidh croisean tràtha eile am faicinn aig Taigh-tasgaidh Bheatha Ìle ann am Port Sgioba (Port Charlotte).