Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clachan Snaidhte ann am Manachainn Shaghadail, Cinn Tìre
EXTERNAL ID
QZP40_468_P134
ÀITE
Saghadail
SGÌRE
Cinn Tìre
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Saghadal 's Sgibinis
DEIT
1902
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31282
KEYWORDS
Manachainn Shaghadail
manachainnean
abaidean
Somhairle
Naomh Malachaidh à Armagh
Easbaig Earra-Ghàidheil
Tighearnan nan Eilean
Rìgh Raibeart am Brusach
clachan shnaidhte
Sculptured Stones in Saddell Monastery, Kintyre

Chaidh an dealbh seo a thoirt bho "Argyll's Highlands" le Cuthbert Bede. Tha e a' sealltainn dealbh de chlachan snaidhte ann am Manachainn Shaghadail, Cinn Tìre. Chaidh a' mhanachainn a stèidheachadh leis an Rìgh bhorb, lùthmhor, Somhairle, à Innse Gall, agus leis an Naomh Malachaidh à Armagh.

B' e Tighearnan nan Eilean a stèidhich agus a chum taic ris an abaid ach nuair a chaill iadsan an cumhachd ri Crùn na h-Alba, thòisich an abaid a' tuiteam às a chèile. Còig bliadhna deug an dèidh do Thighearnas nan Eilean a bhith air a tharraing air falbh, chaidh fearann Shaghadail a thoirt do dh' Easbaig Earra-Ghàidheil agus chaidh cead a thoirt seachad airson caisteal a thogail ann. Chomharraich seo deireadh beatha na h-abaid, an dèidh 360 bliadhna.

Tha an dà chloich dheug shnaidhte a' comharrachadh uaighean nan tighearnan agus nam fear-eaglais a bha an sàs ann am beatha na h-abaid. Am measg nan clachan tha aon chrois ann, sia leacan-laighe agus coig ìomhaighean, a' cuimhneachadh dhaoine mar Shomhairle agus an laoch, MacAoidh, dhan tug Rìgh Raibeart am Brusach fearann Ugadail

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clachan Snaidhte ann am Manachainn Shaghadail, Cinn Tìre

EARRA-GHÀIDHEAL: Saghadal 's Sgibinis

Manachainn Shaghadail; manachainnean; abaidean; Somhairle; Naomh Malachaidh à Armagh; Easbaig Earra-Ghàidheil; Tighearnan nan Eilean; Rìgh Raibeart am Brusach; clachan shnaidhte

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (photographs)

Chaidh an dealbh seo a thoirt bho "Argyll's Highlands" le Cuthbert Bede. Tha e a' sealltainn dealbh de chlachan snaidhte ann am Manachainn Shaghadail, Cinn Tìre. Chaidh a' mhanachainn a stèidheachadh leis an Rìgh bhorb, lùthmhor, Somhairle, à Innse Gall, agus leis an Naomh Malachaidh à Armagh.<br /> <br /> B' e Tighearnan nan Eilean a stèidhich agus a chum taic ris an abaid ach nuair a chaill iadsan an cumhachd ri Crùn na h-Alba, thòisich an abaid a' tuiteam às a chèile. Còig bliadhna deug an dèidh do Thighearnas nan Eilean a bhith air a tharraing air falbh, chaidh fearann Shaghadail a thoirt do dh' Easbaig Earra-Ghàidheil agus chaidh cead a thoirt seachad airson caisteal a thogail ann. Chomharraich seo deireadh beatha na h-abaid, an dèidh 360 bliadhna. <br /> <br /> Tha an dà chloich dheug shnaidhte a' comharrachadh uaighean nan tighearnan agus nam fear-eaglais a bha an sàs ann am beatha na h-abaid. Am measg nan clachan tha aon chrois ann, sia leacan-laighe agus coig ìomhaighean, a' cuimhneachadh dhaoine mar Shomhairle agus an laoch, MacAoidh, dhan tug Rìgh Raibeart am Brusach fearann Ugadail