Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eilthireachd
EXTERNAL ID
QZP40_468_P187
ÀITE
Siorrachd Earra-ghàidheal
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL
DEIT
1906
LINN
19mh linn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31286
KEYWORDS
eilthireachd
dìth-dhaoineachadh
soithichean eilthireach
Emigration

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Argyll's Highlands' le Cuthbert Bede. Tha e a' sealltainn dà eilthireach, agus an ceann-sgrìobhadh 'O! Why Left I My Hame?' fodha.

Anns an 19mh linn, dh'fhulaing Gaidhealtachd is Eileanan na h-Alba le dìth-dhaoineachadh, air sgàth gun deach tuathanasan chaorach mòra a chur air bhonn, am measg adhbharan eile. Ged a chaidh feadhainn de na daoine gu Galldachd na h-Alba, chaidh mòran eile chun an t-Saoghail Ùir.

Ged a chaidh cùisean gu math do mhòran de na h-eilthirich, 's iomadh cruadal a bha romhpa air an t-slighe. Bha feadhainn aca aig nach robh airgead sam bith nuair a thog iad orra air an turas fhada gu Aimeireaga, Canada, Astràilia no Sealain Nuadh. Bha aig mòran de na h-eilthirich ri siubhal fad iomadh seachdainn, air soithichean eilthirich loma-làn, mus do ràinig iad an ceann-uidhe.

An deidh dhaibh an Saoghal Ùr a ruighinn, bha àrainneachd duilich, neònach an aghaidh nan Gàidheal. Gu math tric b'fheudar dhaibh craobhan a ghlanadh o'n fhearann far an robh iad a' dol a dh'fhuireach. Dh'fheumadh iad an uairsin taigh fiodh a thogail, rud air nach robh iad eòlach, la ne taighean cloiche an àbhaist 'san t-seann dùthaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eilthireachd

EARRA-GHÀIDHEAL

19mh linn

eilthireachd; dìth-dhaoineachadh; soithichean eilthireach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)