Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Jacobus Tertius Magnae Britanniae Rex. James Francis Edward Stuart

B' e mac Sheumais II Bhreatainn a bh'ann an Seumas Frangan Eideard Stiùbhart (1688-1766). Mar Phàpanach, chaill Seumas II a chrùn anns an 'Ar-a-mach Glòrmhor' ann an 1688 gus am faigheadh Uilleam is Màiri, a bha nam Pròsdanaich, a-steach.

Nuair a bhàsaich Seumas II ann an 1701, thàinig a mhac, Seumas, gu bhith na mheadhan don adhbhar Seumasach. Bha e air ainmeachadh mar Sheumas III anns An Fhraing (Jacobus Tertius Magnae Britanniae Rex).

Ann an 1714 thàinig an rìgh Hanòbharach Seòras I gu rìgh-chathair Bhreatainn, is cho-dhùin na Seumasaich, le cho beag meas sa bh' aig daoine air Seòras, gun dèanadh iad ar-a-mach gus an rìgh-chathair a thoirt air ais do na Stiùbhartaich. Bha ar-a-mach 1715 neo-shoirbheachail is cha deach Seumas air ais a dh'Alba a-riamh. Bha e air ceann Cùirt nan Stiùbhartach na fhògarrach, agus a mhac, Teàrlach Eideard Stiùbhart, na mheadhan do dh' adhbhar nan Seumasach as a dhèidh.

Bhàsaich Seumas Stiùbhart san Ròimh ann an 1766 is tha e air a thìodhlagadh ann an Eaglais an Naoimh Pheadair.

Chithear an dealbh seo ann an leabhar 1 de 'Historical Papers Relating to the Jacobite Period 1699-1750', air an deasachadh le Còirneal Seumas Allardyce LL.D is air an clò-bhualadh ann an Obar Dheathain airson Club Ùr Spalding. B' e comann àrsadair, air ainmeachadh air Iain Spalding, fear-lagha is Clàrc Comasdair Obar Dheathain nuair a bha Teàrlach I na rìgh, a bh'ann an Club Spalding

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Jacobus Tertius Magnae Britanniae Rex. Seumas Frangan Eideard Stiùbhart

1700an

Seumas III; Seumas Stiùbhart; An Seann Tagraiche; Seumasaich; Stiùbhartaich; Crùn na h-Alba; cathan; batailean; Seumas II; Seumas VII; Teàrlach Eideard Stiùbhart; Prionnsa Teàrlach Bòidheach; ar-a-mach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)