Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Tickets of Admission to the trials of Lords Lovat and Balmerino

An dèidh Blàr Chùil Lodair, chaidh co-dhùnadh gun dèanadh iad eisimpleir de chuid de na prìosanaich Seumasach a b'ainmeile.

Chaidh Iarla Chill Mheàrnaig, Iarla Chrombaidh is Morair Bhail Meireanach a chur ron chùirt aig Talla Westminster air an 28mh Iuchair 1746. Dh'aidich an dà Iarla gun robh iad ciontach, ach thuirt Morair Bhail Meireanach nach robh e ciontach de dh' Àrd Bhrathadh. Chaidh Morair Bhail Meireanach a lorg ciontach, is chaidh an triùir a dhìteadh gu bhith air an crochadh, an tarraing is an cairtealachadh. Chaidh a' bhinn atharrachadh gu toirt dhiubh an cinn air sgàth gur e daoin-uaisle a bh'annta. Fhuair Iarla Chrombaidh maitheanas nuair a chuir a bhean athchuinge gu Rìgh Seòras.

Chaidh an ceann a thoirt o Iarla Chill Mheàrnaig is Morair Bhail Meireanach air Cnoc an Tùir air an 18mh Lùnastail 1746.
Chaidh Morair na Morfhaich a ghlacadh anns an Ògmhios 1746 is chaidh a chur fo chasaid Àrd Bhrathadh ann an Lunnainn. Chaidh a lorg ciontach is binn bàis air a chur air. Chaidh a cheann a thoirt dheth aig Cnoc an Tùir air an 9mh Giblein 1747. 'S e an duine mu dheireadh a chaill a cheann san àite sin.

Chithear an dealbh seo anns a' chiad leabhar de 'Historical Papers Relating to the Jacobite Period 1699-1750', deasaichte le Còirneal Seumas Allardyce LL.D is air a chlò-bhualadh ann an Obar Dheathain dhan Chomann Spalding Ùr. 'S e comann seanachaidh eachdraidheil a bh'ann an Comann Spalding, air ainmeachadh air Iain Spalding, fear-lagha is Clàrc Comasdair Obar Dheathain nuair a bha Teàrlach I na rìgh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ticeidean airson faighinn a-steach gu deuchainnean-lagha Morair na Morfhaich (Lòbhat) is Morair Bail Meireanach

1740an

Seumasaich; deuchainnean; brathadh; lagh is òrdugh; eucoirean; peanasan; Sìm Friseil na Morfhaich; cur gu bàs; Lovat

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)