Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Morair Bhail' Sligeach
EXTERNAL ID
QZP40_569_P341
DEIT
1895
LINN
1740an
CRUTHADAIR
A S Belle
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31301
KEYWORDS
Seumasaich
morairean
aimhriochdan
Lord Pitsligo

Dh'fhàg Alasdair Foirbeis, Morair Bhail' Sligeach, a chùrsa-beatha poileataiceach ann an Alba an dèidh Aonaidh 1707. B' e Seumasach a bh'ann a rèir prionnsabal is ghabh e pàirt anns an Aramach Seumasach ann an 1715. Nuair a dh'fhàilnich an t-Aramach thàrr e às gu mòr-thìr na Roinn Eòrpa gu 1720.

A dh'aindeoin aois is euslaint (bha a' chuing dona aige) cheangail e e fhèin ris an aramach ann an 1745 a-rithist is chaidh a chur os cionn trùp eich, Rèisimeid Bhail' Sligeach.

An dèidh Chùil Lodair is diom-buaidh an Aramach Seumasaich, bha aig Foirbeis ri dhol am falach, is ri aimhriochd no cruth meallta a chur air gus nach aithnicheadh duine e. Theab e bhith air a ghlacadh iomadh uair gus an do bhàsaich e anns an Dùbhlachd 1762, aig aois 85.

Chithear an dealbh seo anns a' chiad leabhar de 'Historical Papers Relating to the Jacobite Period 1699-1750', deasaichte le Còirneal Seumas Allardyce LL.D is air a chlò-bhualadh ann an Obar Dheathain dhan Chomann Spalding Ùr. 'S e comann seanachaidh eachdraidheil a bh'ann an Comann Spalding, air ainmeachadh air Iain Spalding, fear-lagha is Clàrc Comasdair Obar Dheathain nuair a bha Teàrlach I na rìgh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Morair Bhail' Sligeach

1740an

Seumasaich; morairean; aimhriochdan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)