Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seumas Drumainn, Diùc Pheairt
EXTERNAL ID
QZP40_569_P347
DEIT
1895
LINN
1740an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31302
KEYWORDS
Seumasaich
diùcan
Cùil Lodair
airm
James Drummond, Duke of Perth

B' e Seumas Drumainn, Diùc Pheairt, bràthair Morair Iain Drumainn. Bha e na cho-cheannard air arm Seumasach Phrionnsa Teàrlaich, còmhla ri Morair Seòras Moireach. Aig Blàr Chùil Lodair, bha e an ceann taobh deas arm nan Seumasach. Cha deach a ghlacadh an dèidh Chùil Lodair, ach chaidh a lorg ciontach de dh' Àrd Bhrathadh. Shaoil e gur e fàgail na dùthcha an rud a bu shàbhailte dha a dhèanamh.

A dh'aindeoin fathan gu robh e air bàsachadh air soitheach a bha a' dol dhan Fhraing, chaidh Seumas Drumainn a dh'fhuireach ann am Biddick a Deas, baile beag faisg air Sunderland, ann an iar-thuath Shasainn. Phòs e is bha sianar chloinne aige. Bhàsaich e ann an 1782.

Chithear an dealbh seo anns a' chiad leabhar de 'Historical Papers Relating to the Jacobite Period 1699-1750', deasaichte le Còirneal Seumas Allardyce LL.D is air a chlò-bhualadh ann an Obar Dheathain dhan Chomann Spalding Ùr. 'S e comann seanachaidh eachdraidheil a bh'ann an Comann Spalding, air ainmeachadh air Iain Spalding, fear-lagha is Clàrc Comasdair Obar Dheathain nuair a bha Teàrlach I na rìgh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seumas Drumainn, Diùc Pheairt

1740an

Seumasaich; diùcan; Cùil Lodair; airm

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

B' e Seumas Drumainn, Diùc Pheairt, bràthair Morair Iain Drumainn. Bha e na cho-cheannard air arm Seumasach Phrionnsa Teàrlaich, còmhla ri Morair Seòras Moireach. Aig Blàr Chùil Lodair, bha e an ceann taobh deas arm nan Seumasach. Cha deach a ghlacadh an dèidh Chùil Lodair, ach chaidh a lorg ciontach de dh' Àrd Bhrathadh. Shaoil e gur e fàgail na dùthcha an rud a bu shàbhailte dha a dhèanamh.<br /> <br /> A dh'aindeoin fathan gu robh e air bàsachadh air soitheach a bha a' dol dhan Fhraing, chaidh Seumas Drumainn a dh'fhuireach ann am Biddick a Deas, baile beag faisg air Sunderland, ann an iar-thuath Shasainn. Phòs e is bha sianar chloinne aige. Bhàsaich e ann an 1782.<br /> <br /> Chithear an dealbh seo anns a' chiad leabhar de 'Historical Papers Relating to the Jacobite Period 1699-1750', deasaichte le Còirneal Seumas Allardyce LL.D is air a chlò-bhualadh ann an Obar Dheathain dhan Chomann Spalding Ùr. 'S e comann seanachaidh eachdraidheil a bh'ann an Comann Spalding, air ainmeachadh air Iain Spalding, fear-lagha is Clàrc Comasdair Obar Dheathain nuair a bha Teàrlach I na rìgh