Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Morair Iain Drumainn
EXTERNAL ID
QZP40_569_P351
DEIT
1895
LINN
1740an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31303
KEYWORDS
Seumasaich
diùcan
Cùil Lodair
airm
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Lord John Drummond

B' e Morair Iain Drumainn bràthair Sheumais Dhrumainn, Diùc Pheairt. Bha e na cheannard air rèisimeid anns an arm Fhrangach, air an robh na h-Albannaich Rìoghail. Anns an Aramach Seumasach ann an 1745, thàinig e le rèisimeid gus taic a thoirt don Phrionnsa Teàrlach. Thàinig e gu tìr ann am Montròis san t-Sultain 1745. Cha deach a ghlacadh an dèidh Blàr Chùil Lodair, is fhuair e gu mòr-thìr na Roinn Eòrpa air soitheach Frangach.

Chithear an dealbh seo anns a' chiad leabhar de 'Historical Papers Relating to the Jacobite Period 1699-1750', deasaichte le Còirneal Seumas Allardyce LL.D is air a chlò-bhualadh ann an Obar Dheathain dhan Chomann Spalding Ùr. 'S e comann seanachaidh eachdraidheil a bh'ann an Comann Spalding, air ainmeachadh air Iain Spalding, fear-lagha is Clàrc Comasdair Obar Dheathain nuair a bha Teàrlach I na rìgh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Morair Iain Drumainn

1740an

Seumasaich; diùcan; Cùil Lodair; airm; Teàrlach Eideard Stiùbhart

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

B' e Morair Iain Drumainn bràthair Sheumais Dhrumainn, Diùc Pheairt. Bha e na cheannard air rèisimeid anns an arm Fhrangach, air an robh na h-Albannaich Rìoghail. Anns an Aramach Seumasach ann an 1745, thàinig e le rèisimeid gus taic a thoirt don Phrionnsa Teàrlach. Thàinig e gu tìr ann am Montròis san t-Sultain 1745. Cha deach a ghlacadh an dèidh Blàr Chùil Lodair, is fhuair e gu mòr-thìr na Roinn Eòrpa air soitheach Frangach.<br /> <br /> Chithear an dealbh seo anns a' chiad leabhar de 'Historical Papers Relating to the Jacobite Period 1699-1750', deasaichte le Còirneal Seumas Allardyce LL.D is air a chlò-bhualadh ann an Obar Dheathain dhan Chomann Spalding Ùr. 'S e comann seanachaidh eachdraidheil a bh'ann an Comann Spalding, air ainmeachadh air Iain Spalding, fear-lagha is Clàrc Comasdair Obar Dheathain nuair a bha Teàrlach I na rìgh